Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.
Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.
Thugaibh-se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.
Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?
Agus a bhàrr air seo uile, tha doimhne mhòr air a cur eadar sinne agus sibhse, air chor agus iadsan lem b’àill dol a seo dur n‑ionnsaigh-se, nach eil e an comas dhaibh; agus nach mò a tha e an comas do aon neach teachd as a sin dar n‑ionnsaigh-ne.