Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 10:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mun siubhail mi, agus nach till mi tuilleadh, gu tìr an dorchadais agus sgàil a’ bhàis;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Ach a‑nis o fhuair e bàs, carson a thraisginn? An urrainn mi a thabhairt air ais tuilleadh? Thèid mise da ionnsaigh-san, ach cha till esan am ionnsaigh-sa.

Oir bàsaichidh sinn gu deimhinn, agus tha sinn mar uisge a dhòirteadh air an talamh, agus nach cruinnichear a‑rìs: gidheadh chan àill le Dia beatha a thoirt air falbh, ach smaoinichidh e air meadhonan a‑chum nach fògair e a fhògarrach gu tur uaithe.

Tìr dorchadais mar dhuibhre sgàil a’ bhàis; agus as eugmhais gach riaghailt, agus far a bheil an solas mar dhorchadas.

Nuair a thig beagan de bhliadhnachan, an sin anns an t‑slighe air nach till mi siùbhlaidh mi.

Ma dh’fheitheas mi, is i an uaigh mo thaigh: anns an dorchadas rinn mi mo leabaidh.

Oir a‑nis laighinn sìos, agus gheibhinn fois; chaidlinn, an sin bhiodh tàmh agam;

Dubhadh an dorchadas agus sgàil a’ bhàis e; gabhadh neul còmhnaidh air; dèanadh iad uamhasach e mar na làithean as seirbhe.

Chan eil dorchadas no sgàil bàis ann, far am falaich luchd-dèanamh na h‑aingidheachd iad fhèin.

An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis?

Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.

O caomhainn mi a‑chum gum faigh mi neart mun siubhail mi, agus nach bi mi ann nas mò!

Tha an duine a tha ann an urram agus a tha gun tuigse cosmhail ris na h‑ainmhidhean, a ghearrar as.

Ach riutsa, a Thighearna, ghlaodh mise, agus anns a’ mhadainn thig m’ùrnaigh ad làthair.

Chuir thu mi anns an t‑sloc as ìsle ann an dorchadas, anns na doimhneachdan.

Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gun dèan e gàirdeachas annta uile, gidheadh cuimhnicheadh e làithean an dorchadais, gum bi iad lìonmhor. Is dìomhanas gach nì a thig.

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Thubhairt mi, Chan fhaic mi nas mò an Tighearna, eadhon an Tighearna, ann an tìr nam beò; cha seall mi air duine nas mò, maille ri luchd-àiteachaidh an t‑saoghail.

Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan