Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 10:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bhithinn mar nach bithinn ann: on bhroinn a dh’ionnsaigh na h‑uaighe bhithinn air mo ghiùlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Carson, matà, a thug thu a‑mach as a’ bhroinn mi? Och nach tug mi suas an deò, gun sùil gam fhaicinn!

Nach tearc mo làithean? Sguir, matà, agus leig leam, agus gum faigh mi beagan comhfhurtachd,

A chionn nach do ghearradh as mi ron dorchadas, agus om ghnùis nach d’fhalaich e an dorchadas.

Carson nach d’eug mi on bhroinn? Carson, nuair a thàinig mi as a’ bholg, nach tug mi suas an deò?

No mar thorrachas anabaich falaichte, cha bhithinn ann; mar naoidheanan nach faca solas.

Mar sheilcheig a bhios a’ leaghadh as, rachadh iad as; mar thorrachas anabaich mnà, na faiceadh iad a’ ghrian.

A chionn nach do mharbh e mi on bhroinn, no gum biodh mo mhàthair na h‑uaigh dhomh, agus a brù an còmhnaidh torrach leam.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan