Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 10:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma pheacaicheas mi, bheir thu fa‑near mi, agus om euceart cha saor thu mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Oir a‑nis tha thu ag àireamh mo cheum: agus nach eil thu ri faire air mo pheacadh?

Glan tha mi, gun easaontas; neo-chiontach tha mi, agus chan eil euceart annam.

Chan eil dorchadas no sgàil bàis ann, far am falaich luchd-dèanamh na h‑aingidheachd iad fhèin.

Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir-coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin?

Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.

Tha eagal orm ro mo dhoilgheasan uile; tha fhios agam nach meas thu neochiontach mi.

Ma chomharraicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas?

A Thighearna, rannsaich thu mi, agus is aithne dhut mi.

Chuir thu ar n‑euceartan ad fhianais, ar peacaidhean diamhair ann an solas do ghnùise.

A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach.

Oir tha mo shùilean-sa air an uile shlighean; chan eil iad falaichte om ghnùis, cha mhò a tha an aingidheachd air a còmhdachadh o fhradharc mo shùl.

Tha an Tighearna fad-fhulangach agus mòr-thròcaireach, a’ toirt maitheanais ann an aingidheachd, agus ann an easaontas, agus air chor sam bith nach saor an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan