Iob 1:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt-loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là. Faic an caibideil |
Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris-san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.