Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 1:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.

Agus las corraich Iàcoib ri Rachel, agus thubhairt e, A bheil mise an àite Dhè, a chùm uat toradh na bronn?

Agus a‑nis na biodh doilgheas oirbh, no corraich agaibh ribh fhèin, a chionn gun do reic sibh mise an seo; oir chuir Dia romhaibh mi, gu sibhse a ghleidheadh beò:

Theagamh gun amhairc an Tighearna air m’àmhghar, agus gun dìol an Tighearna dhomh math airson a mhallachaidh air an là‑an‑diugh.

Mar seo cha d’èisd an rìgh ris an t‑sluagh; oir bha an t‑adhbhar on Tighearna, a‑chum gun coileanadh e a fhacal fhèin a labhair an Tighearna le làimh Ahiah an Silonach ri Ierobòam mac Nebait.

An sin thubhairt Heseciah ri Isaiah, Is math facal an Tighearna a labhair thu: thubhairt e mar an ceudna, Nach math ma bhios sìth agus fìrinn ann am làithean-sa?

Agus thubhairt na Lèbhithich, Iesua agus Cadmiel, Bani, Hasabniah, Serebiah, Hodiah, Sebaniah, agus Petahiah, Eiribh, beannaichibh an Tighearna ur Dia gu saoghal nan saoghal: agus beannaichte gu robh d’ainm glòrmhor-sa, a tha air àrdachadh os cionn gach beannachaidh agus cliù.

Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ris gach nì a tha aige, agus as an aodann mallaichidh e thu.

Ach thubhairt esan rithe, Mar a labhras aon de na mnathan amaideach tha thu a’ labhairt: seadh, an gabh sinn math o làimh Dhè, agus nach gabh sinn olc? An seo uile cha do pheacaich Iob le a bhilean.

Feuch, ma bheir e air falbh, cò a bhacas e? Cò a their ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Beannaichidh mi an Tighearna gach àm; an còmhnaidh bidh a mholadh ann am bheul.

Anns an Tighearna nì m’anam uaill; cluinnidh na daoine sèimhe, agus nì iad aoibhneas.

Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e.

Oir nuair a gheibh e bàs, cha toir e nì air bith leis; cha tèid a ghlòir sìos na dhèidh,

An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e.

Ach thèid as don t‑saoibhreas sin le droch shaothair: agus ginidh e mac, agus cha bhi nì air bith na làimh.

Mar a thàinig e a‑mach lomnochd à broinn a mhàthar, ath-thillidh e, a’ dol mar a thàinig e; agus cha ghiùlan e nì air bith de a shaothair a bheir e leis na làimh.

Gach duine mar an ceudna don tug Dia beartas agus saoibhreas, agus don tug e comas ithe dhiubh, agus a chuibhreann a ghlacadh, agus gàirdeachas a dhèanamh na shaothair; is e seo tìodhlac Dhè.

Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain.

Cò a thug Iàcob mar chobhartach, agus Israel don luchd-creachaidh? Nach b’e an Tighearna, esan an aghaidh an do pheacaich iad, agus nach b’àill leo gluasad na shlighean, cha mhò a thug iad gèill da reachd?

Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe, agus a’ cruthachadh dòlais; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile.

Nach ann o òrdagh an Tì as ro‑àirde a thig olc agus math?

An sèidear an trompaid ann am baile, agus gun eagal a bhith air an t‑sluagh? Am bi dòrainn ann am baile, agus nach e an Tighearna a chuir ann e?

Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?

A dhèanamh gach nì a ro‑òrdaich do làmh agus do chomhairle a bhith air a dhèanamh.

A’ toirt buidheachais a‑ghnàth airson nan uile nithean do Dhia, eadhon an t‑Athair, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd;

Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.

Oir cha tug sinn nì air bith leinn don t‑saoghal seo, agus is soilleir nach urrainn sinn nì sam bith a thoirt as.

Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.

Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò-chridheach agus tròcaireach.

Chaidh mi a‑mach làn, agus thug an Tighearna air m’ais mi falamh. Carson, matà, a their sibh Naòmi rium, agus gun tug an Tighearna fianais am aghaidh, agus gun do chuir an t‑Uile-chumhachdach fo àmhghar mi?

Is e an Tighearna a nì bochd, agus a nì beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas.

Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.

Agus dh’innis Samuel dha na h‑uile nithean, agus cha do cheil e nì sam bith air. Agus thubhairt esan, Is e an Tighearna a tha ann; an nì sin a tha math na shùilean nì e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan