Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 1:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, thàinig gaoth mhòr on fhàsach, agus bhuail i air ceithir oisinnean an taighe, agus thuit e air na h‑òganaich, agus tha iad marbh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann: Iòseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniàmin bheir sibh air falbh: am aghaidh-sa tha na nithean sin uile.

Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!

Ach theich a’ chuid eile gu Aphec, don bhaile; agus an sin thuit balla air seachd-mìle-fichead fear de na dh’fhàgadh. Agus theich Ben-hadad, agus thàinig e don bhaile, do sheòmar-cùil.

Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Bha do mhic agus do nigheanan ag ithe, agus ag òl fìona ann an taigh am bràthar a bu shine:

An sin dh’èirich Iob, agus reub e a fhallaing, agus bheàrr e a cheann, agus thuit e sìos air an talamh, agus rinn e adhradh.

Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus thuit e; agus bu mhòr a thuiteam.

Agus nuair a chunnaic an sluagh borb a’ bhèist an crochadh ra làimh, thubhairt iad ri chèile, Gu cinnteach is mortair an duine seo, do nach fuiling dìoghaltas a bhith beò, ged a theasairgeadh on fhairge e.

Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd:

Agus thubhairt Samson, Faigheam bàs maille ris na Philistich. Agus chrom e e fhèin le a uile neart; agus thuit an taigh air na tighearnan, agus air an t‑sluagh uile a bha ann: agus bha na mairbh a mharbh e aig a bhàs na bu lìonmhoire na iadsan a mharbh e na bheatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan