Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 1:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Thuit teine Dhè o na nèamhan, agus loisg e na caoraich, agus na h‑òglaich, agus chuir e as dhaibh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

An sin thug an Tighearna air pronnasg agus teine frasadh air Sòdom agus air Gomorrah a‑nuas on Tighearna as na nèamhan:

An sin thuit teine an Tighearna, agus chaith e an ìobairt-loisgte, agus an connadh, agus na clachan, agus an luaithre; agus an t‑uisge a bha anns a’ chlais dh’imlich e suas.

Agus fhreagair Eliah, agus thubhairt e ri ceannard an lethcheud, Agus mas duine le Dia mise, thigeadh teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisgeadh e suas thusa agus do lethcheud. Agus thàinig teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas esan agus a lethcheud.

Agus fhreagair Eliah agus thubhairt e riu, Mas duine le Dia mise, thigeadh teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisgeadh e suas thusa agus do lethcheud. Agus thàinig teine Dhè a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas esan agus a lethcheud.

Feuch, thàinig teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas a’ chiad dà cheannard lethcheud, maille rin lethcheudan; ach a‑nis biodh m’anam-sa luachmhor ad shùilean.

Crioslaich do chlaidheamh air do leis, O ghaisgich, led ghlòir agus led mhòralachd.

Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.

Agus chaidh teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e suas iad, agus fhuair iad bàs an làthair an Tighearna.

Agus thàinig teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt-loisgte, agus an t‑saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad iolach, agus thuit iad air an aghaidh.

Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa; agus, feuch, ghairm an Tighearna Iehòbhah gu breitheanais le teine, agus loisg e an doimhne mhòr: agus shluig e suas earrann.

Agus tha e a’ dèanamh chomharraidhean mòra, ionnas gu bheil e a’ toirt air teine teachd a‑nuas o nèamh air an talamh, ann am fianais dhaoine;

Agus bha ball-chrith anns an fheachd anns a’ mhachair, agus am measg an t‑sluaigh uile: bha crith mar an ceudna air an fhreiceadan agus air an luchd-millidh fhèin, agus chriothnaich an talamh; agus bha i na crith ro‑mhòir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan