Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha gach nì a tha aige ad làimh-sa: a‑mhàin air fhèin na cuir do làmh. Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna.
Ach thubhairt Abram ri Sàrai, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis.
Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò leis? Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt e, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: falbh a‑mach, agus dèan mar sin.
Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt an Tighearna, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: imich, agus dèan mar sin.
Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh-sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò.
Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.
Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas.