Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 1:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ris gach nì a tha aige, agus as an aodann mallaichidh e thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thug Abimelech àithne da shluagh uile, ag ràdh, Esan a bheanas ris an duine seo, no ra mhnaoi, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha gach nì a tha aige ad làimh-sa: a‑mhàin air fhèin na cuir do làmh. Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna.

Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt-loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là.

Gabhaibh truas dhìom, gabhaibh truas dhìom, O mo chàirdean, oir bhean làmh Dhè rium.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc? Agus fhathast tha e a’ gleidheadh a ionracais, ged ghluais thusa mi na aghaidh a‑chum a sgrios gun adhbhar.

Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ra chnàimh agus ra fheòil, agus as an aodann mallaichidh e thu.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha e ad làimh-sa; ach caomhain a bheatha.

Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna, agus bhuail e Iob le neasgaidean cràiteach, o bhonn a choise gu mullach a chinn.

An sin thubhairt a bhean ris, A bheil thu fhathast a’ cumail d’ionracais? Mallaich Dia, agus faigh bàs.

Ach a‑nis thàinig e ort, agus ghabh thu gu h‑olc e: bhean e riut, agus tha thu fo amhluadh.

Ag ràdh, Na beanaibh rim dhaoine ungte, agus air m’fhàidhean na dèanaibh cron.

Air an adhbhar sin tha corraich an Tighearna air lasadh an aghaidh a shluaigh; agus shìn e a‑mach a làmh nan aghaidh, agus bhuail e iad; agus chriothnaich na slèibhtean, agus bha an colainnean mar aolach air meadhon nan sràidean. Airson seo uile, chan eil a chorraich air tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Sluagh a tha an còmhnaidh gam bhrosnachadh gu feirg rim aghaidh; ag ìobradh anns na liosan, agus a’ losgadh tùise air na clachan-creadha;

Agus siùbhlaidh gach aon da thrìd, ann an teinn agus ann an gorta; agus tàrlaidh, nuair a bhios e ann an gorta, gum bi corraich air ris fhèin, agus mallaichidh e a rìgh agus a Dhia, agus e a’ sealltainn suas.

Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla-san.

Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear-casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche.

Agus thug iad toibheum do Dhia nèimh airson am piantan agus an creuchdan, agus cha do ghabh iad aithreachas den gnìomharan.

Agus thàinig clachan-meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan-meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.

Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan