Uime sin deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, Tì cumhachdach Israeil, Aha! bheir mi fois dhomh fhèin a‑thaobh m’eascairdean; dìolaidh mi mi fhèin air mo naimhdean.
Agus ciod a nì sibh ann an là an smachdachaidh, agus anns an lèirsgrios a thig o chèin? Cò a dh’ionnsaigh a theicheas sibh a‑chum cobhair? Agus càit am fàg sibh ur glòir?
Am measg mìn-chlachan a’ ghlinne tha do chuibhreann: is iad sin, is iad sin do chrannchur; eadhon dhaibh seo dhòirt thu a‑mach tabhartas-dibhe, dh’ìobair thu tìodhlac. An gabhainn-sa tlachd annta sin?
Cia fhad a nì am fearann bròn, agus a bhios luibhean gach machrach a’ seargadh, airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh? Bhàsaich gach ainmhidh agus eun, a chionn gun dubhairt iad, Chan fhaic esan ar crìoch dheireannach.
Uime sin nì am fearann caoidh, agus seargaidh gach aon a tha a chòmhnaidh ann, maille ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith an adhair; seadh, bheirear èisg na fairge fòs air falbh.