Tha an teanga mar shaighead fir-mhillidh; is cealg as cainnt dhi: le a bheul labhraidh neach gu sìochail ra choimhearsnach, ach na chridhe tha e a’ caitheamh foill air.
Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.
Tha m’anam am measg leòmhann; tha mi am laighe am measg dream air lasadh, daoine aig a bheil am fiaclan nan sleaghan agus nan saighdean, agus an teanga na claidheamh geur.
Oir gheibhear am measg mo shluaigh-sa droch dhaoine: tha iad ri feall-fhalach, mar neach a’ suidheachadh lìon; tha iad a’ leagadh ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine.
Agus tha iad a’ lùbadh an teangaidh mar am bogha a‑chum ceilge; ach chan eil iad treubhach airson na fìrinn anns an talamh: oir tha iad a’ dol air an aghaidh o olc gu olc, agus chan eil eòlas aca ormsa, deir an Tighearna.
Bithibh air ur faicill, gach aon ro a choimhearsnach, agus na earbaibh à bràthair air bith: oir le foill meallaidh gach bràthair, agus gluaisidh gach companach gu cealgach.
Agus meallaidh iad, gach aon a choimhearsnach, agus cha labhair iad an fhìrinn: chleachd iad an teanga ri labhairt bhreug; sgìthich iad iad fhèin, a’ cur an gnìomh dòbheairt.