Agus meallaidh iad, gach aon a choimhearsnach, agus cha labhair iad an fhìrinn: chleachd iad an teanga ri labhairt bhreug; sgìthich iad iad fhèin, a’ cur an gnìomh dòbheairt.
Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu; ach cha dubhairt thu, Chan eil dòchas ann; fhuair thu beatha do làimhe; air an adhbhar sin cha d’fhannaich thu.
Chuir iad cruithneachd, ach buainidh iad droigheann: shaothraich iad, ach cha bhuannaich iad; mar sin maslaichear sibh a‑thaobh ur cinneis, do bhrìgh lasair fearg an Tighearna.
Airson gun do bhuin eadhon do bhràithrean agus taigh d’athar, eadhon iadsan, gu fealltach riut; ruaig eadhon iadsan thu le èigh chruaidh; na creid iad ged labhair iad briathran caoine riut.
Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh.
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Brisear gu tur ballachan leathann Bhàbiloin, agus loisgear a geatachan àrda le teine; agus saothraichidh na slòigh gu dìomhain, agus na cinnich anns an teine, gus an toir iad thairis le sgìos.
Agus their thu, Mar seo thèid Bàbilon fodha, agus chan èirich i nas mò, do bhrìgh an uilc a bheir mise oirre; agus claoidhear iad. An fhad seo briathran Ieremiah.
Uime sin their thu riu, Seo an cinneach nach eil a’ toirt gèill do ghuth an Tighearna, an Dia: cha mhò a ghabh iad ri cronachadh: dh’eug an fhìrinn, agus ghearradh a‑mach om beul i.
Agus tha iad a’ lùbadh an teangaidh mar am bogha a‑chum ceilge; ach chan eil iad treubhach airson na fìrinn anns an talamh: oir tha iad a’ dol air an aghaidh o olc gu olc, agus chan eil eòlas aca ormsa, deir an Tighearna.
Tha an teanga mar shaighead fir-mhillidh; is cealg as cainnt dhi: le a bheul labhraidh neach gu sìochail ra choimhearsnach, ach na chridhe tha e a’ caitheamh foill air.
Nach eil aon athair againn uile? Nach aon Dia a chruthaich sinn? Cuime a bheil sinn a’ buntainn gu fealltach, gach duine an aghaidh a bhràthar, le bhith a’ briseadh coicheangal ar n‑athraichean?
Agus chruinnicheadh mar an ceudna an ginealach sin uile a‑chum an athraichean: agus dh’èirich ginealach eile suas nan dèidh, do nach b’aithne an Tighearna, no na h‑obraichean a rinn e airson Israeil.