Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 9:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Abair, Mar seo deir an Tighearna, Tuitidh eadhon colainnean dhaoine mar aolach air aghaidh na faiche, agus mar an dlagh an dèidh a’ bhuanaiche nuair nach bi aon neach ann gu a thional.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn.

Agus bidh iadsan a mharbhar leis an Tighearna anns an là sin, o aon iomall na talmhainn eadhon gu iomall eile na talmhainn; cha chlaoidhear iad, cha mhò a chruinnichear iad, cha mhò a dh’adhlaicear iad; nan aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad.

Agus bheir mise airc air daoine, ionnas gun siubhail iad mar dhoill; a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna; agus dòirtear a‑mach am fuil mar dhuslach, agus am feòil mar aolach.

Le bàs doilgheasach bàsaichidh iad; chan adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad; le claidheamh fòs, agus le gorta, caithear iad; agus bidh an cairbhean mar lòn do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.

Air an adhbhar sin tha corraich an Tighearna air lasadh an aghaidh a shluaigh; agus shìn e a‑mach a làmh nan aghaidh, agus bhuail e iad; agus chriothnaich na slèibhtean, agus bha an colainnean mar aolach air meadhon nan sràidean. Airson seo uile, chan eil a chorraich air tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

A sgriosadh aig En‑dor, a rinneadh mar aolach don talamh.

Agus bidh cairbhean an t‑sluaigh seo nam biadh do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na talmhainn; agus chan fhuadaich aon neach air falbh iad.

Agus bidh closach Iesebeil mar aolach air aghaidh an fhearainn ann an cuibhreann Iesreeil, air chor is nach abair iad, Is i seo Iesebel.

Air an adhbhar sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, leagaidh mi ceapan-tuislidh an rathad an t‑sluaigh seo, agus tuitidh na h‑athraichean agus na mic orra; an coimhearsnach agus a charaid bàsaichidh le chèile.

Agus gun abair thu ann ad chridhe, Fhuair mo chumhachd, agus neart mo làimhe, an saoibhreas seo dhomh.

Agus rinn Heseciah gàirdeachas os an cionn, agus dh’fheuch e dhaibh uile thaigh-tasgaidh a nithean luachmhor, an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na spìosraidh, agus an ola luachmhor, agus a thaigh-armachd, agus na nithean uile a fhuaireadh na ionmhasan: cha robh nì na thaigh, no na rìoghachd uile, nach d’fheuch Heseciah dhaibh.

Agus thubhairt e, Ciod a chunnaic iad ann ad thaigh? Agus fhreagair Heseciah, Na h‑uile nithean a tha am thaigh chunnaic iad: chan eil nì ann am ionmhasan nach d’fheuch mi dhaibh.

A tha a’ glacadh nan daoine glice nan cuilbheartachd fhèin, air chor is gun tilgear sìos comhairle nan daoine fiara.

Chan urrainn duine air chor sam bith a bhràthair a shaoradh, no èirig a thabhairt do Dhia air a shon:

Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir, agus mar bhalla àrd na bheachd fhèin.

Na saothraich gu fàs saoibhir; leig dhìot do ghliocas fhèin.

An sin caochlaidh an inntinn, agus siùbhlaidh iad air falbh, agus measar iad ciontach. Tha an neart seo aca on dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan