Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 9:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha am bàs air teachd an àird gus ar n‑uinneagan, air teachd a‑steach gus ar lùchairtean; thàinig e a ghearradh sìos araon an naoidhein anns a’ mhachair agus nan òganach anns na sràidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Uime sin thug e orra rìgh nan Caldèanach, a mharbh an daoine òga leis a’ chlaidheamh ann an taigh an ionaid naoimh, agus nach do chaomhain òigfhear no òigh, seann duine no esan a bha air a chromadh leis an aois: thug e thairis iad uile na làimh.

Fàsaidh na h‑òigfhir lag agus sgìth, agus tuitidh an òigridh thaghte gu làr;

Uime sin dh’fhuadaich mi iad le inneal-fasgnaidh ann an geatachan na tìre: dh’fhàg mi gun chlann, sgrios mi mo shluagh; on slighean cha do thill iad.

Uime sin thoir thusa thairis an clann don ghorta, agus thoir orra leaghadh as le neart a’ chlaidheimh; biodh am mnathan air am fàgail gun chlann, agus iad nam bantraichean, agus faigheadh am fir bàs leis a’ phlàigh, agus marbhar an òganaich anns an àraich leis a’ chlaidheamh.

Agus a‑nis mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil; Cuime a bheil sibh a’ cur an gnìomh an uilc mhòir seo an aghaidh ur n‑anama fhèin, a ghearradh as uaibh an fhir agus na mnà, an leinibh agus an naoidhein, a‑mach à Iùdah; ionnas nach fàgar fuidheall beò dhibh;

Air an adhbhar sin tuitidh a h‑òganaich na sràidean, agus bidh a fir-chogaidh uile air an gearradh as anns an là sin, deir an Tighearna.

Air an adhbhar sin tha mise làn de chorraich an Tighearna: tha mi sgìth ga cumail a‑steach: dòirtidh mi a‑mach i air a’ chloinn anns na sràidean, agus air an òigridh a tha cruinn le chèile: seadh, glacar am fear, agus fòs a’ bhean, an t‑aosda, maille ris an tì bhios làn de làithean.

Air an adhbhar sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, leagaidh mi ceapan-tuislidh an rathad an t‑sluaigh seo, agus tuitidh na h‑athraichean agus na mic orra; an coimhearsnach agus a charaid bàsaichidh le chèile.

Agus bidh cairbhean an t‑sluaigh seo nam biadh do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na talmhainn; agus chan fhuadaich aon neach air falbh iad.

Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn.

Ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh anns a’ bhaile: ruithidh iad air a’ bhalla: streapaidh iad suas do na taighean: thèid iad a‑steach air na h‑uinneagan mar mhèirleach.

Thuit, agus chan èirich nas mò, òigh Israeil: tha i sìnte a‑mach air a fearann fhèin; chan eil neach ann ga togail suas.

Agus tàrlaidh, ma dh’fhanas deichnear fhear ann an aon taigh, gum faigh iad bàs.

Agus bheir mise airc air daoine, ionnas gun siubhail iad mar dhoill; a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna; agus dòirtear a‑mach am fuil mar dhuslach, agus am feòil mar aolach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan