Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 9:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Och, nach robh agam anns an fhàsach pàillean fir-thurais, a‑chum gum fàgainn mo shluagh, agus gun imichinn uapa! Oir is luchd-adhaltranais iad uile, coitheanal de dhaoine cealgach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Oir tha ur làmhan air an truailleadh le fuil, agus ur meòir le euceart; labhair ur bilean cealg; bidh ur teanga a’ teachd air aimhleas.

Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?

Airson gun do bhuin eadhon do bhràithrean agus taigh d’athar, eadhon iadsan, gu fealltach riut; ruaig eadhon iadsan thu le èigh chruaidh; na creid iad ged labhair iad briathran caoine riut.

Agus nuair a their thu ann ad chridhe, Carson a thàinig na nithean seo orm? Airson meud do chionta tha do sgiobaill air an leigeadh ris, tha do shàiltean air an rùsgadh.

Oir tha am fearann làn de luchd-adhaltranais: oir airson mhionnan tha an tìr a’ caoidh: tha ionadan aoibhinn an fhàsaich air tiormachadh suas: tha an siubhal mar an ceudna olc, agus an neart eucorach.

Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh.

Ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh air feadh sràidean Ierusaleim, agus faicibh a‑nis, agus biodh fhios agaibh, agus iarraibh na h‑ionadan farsaing, am faigh sibh aon duine, a bheil neach sam bith ann a tha a’ cur an gnìomh breitheanais, a tha ag iarraidh na fìrinn; agus bheir mise dhi maitheanas.

Oir bhuin taigh Israeil agus taigh Iùdah gu ro‑chealgach riumsa, deir an Tighearna.

Ach ged their iad, Mar as beò an Tighearna, gu deimhinn tha iad a’ mionnachadh gu breugach.

Le mionnan, agus breugan, agus marbhadh, agus goid, agus dèanamh adhaltranais, bhris iad a‑mach; agus tha fuil a’ ruigheachd gu fuil.

Bhuin iad gu fealltach an aghaidh an Tighearna; oir ghin iad clann choimheach: a‑nis sluigidh mìos iad maille rin cuibhreannan.

Ach bhris iadsan an coicheangal mar Adhamh: an sin bhuin iad gu fealltach am aghaidh-sa.

Is adhaltranaich iad uile; mar àmhainn air a teasachadh leis an fhuineadair, nuair a sguireas fear-obrachaidh na taoise de a fuineadh gus am bi i air a gortachadh.

Aig a bheil a daoine beartach làn ainneirt; agus labhair a luchd-àiteachaidh breugan; agus tha an teanga cealgach nam beul.

Is daoine aotrom fealltach a fàidhean: thruaill a sagartan an t‑ionad naomh: bhris iad an reachd.

Bhuin Iùdah gu fealltach, agus chuireadh gràinealachd an gnìomh ann an Israeil agus ann an Ierusalem; oir thruaill Iùdah naomhachd Dhè as ionmhainn leis, agus phòs e nighean de choimhich.

Gidheadh tha sibh ag ràdh, Carson? A chionn gu robh an Tighearna na fhianais eadar thu agus bean d’òige, ris an do bhuin thu gu fealltach: gidheadh b’i do bhana-chompanach i, agus bean do choicheangail.

Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.

Agus chruinnicheadh mar an ceudna an ginealach sin uile a‑chum an athraichean: agus dh’èirich ginealach eile suas nan dèidh, do nach b’aithne an Tighearna, no na h‑obraichean a rinn e airson Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan