Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 9:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sgapaidh mi iad mar an ceudna am measg nan cinneach, air nach robh aon chuid iad fhèin no an athraichean eòlach; agus cuiridh mi an claidheamh air an tòir, gus an cuir mi as dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Cuimhnich, guidheam ort, am facal a dh’àithn thu dod òglach Maois, ag ràdh, Ma pheacaicheas sibh, sgapaidh mise sibh am measg nan cinneach.

Agus a thilgeadh sìos an sliochd am measg nan cinneach, agus gus an sgaoileadh air feadh nan tìr.

Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh-almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd-cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean;

Air an adhbhar sin sgapaidh mise iad mar an asbhuain, a shiùbhlas air falbh le gaoith an fhàsaich.

Agus cuiridh mi an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, nam measg, gus an caithear iad bhàrr an fhearainn, a thug mise dhaibh fhèin agus dan athraichean.

Agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Olaibh, agus bithibh air mhisg, agus sgeithibh, agus tuitibh agus na èiribh nas mò ron chlaidheamh a chuireas mise nur measg.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, cuiridh mise orra an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, agus nì mi iad mar dhroch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas.

Feuch, nì mise faire os an cionn airson uilc, agus chan ann airson maith, agus sgriosar gach duine de Iùdah a tha an tìr na h‑Eiphit, leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, gus am bi làn chrìoch orra.

Geàrr dhìot do ghruag, O Ierusaleim, agus tilg uat i, agus tog suas tuireadh air na h‑ionadan àrda: oir chuir Iehòbhah uaithe, thrèig e ginealach a chorraich.

Feuch, guth glaodh nighean mo shluaigh, o thìr chèin: Nach eil an Tighearna ann an Sion? Nach eil a rìgh innte? Carson, matà, a bhrosnaich iad mise gu feirg len dealbhan snaidhte, agus len dìomhanais choimheach?

Uime sin abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mi eadhon ur tional o na cinnich, agus ur cruinneachadh as na dùthchannan anns an robh sibh air ur sgapadh, agus bheir mi dhuibh fearann Israeil.

Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a sgapas mi iad am measg nan cinneach, agus a sgaoileas mi iad air feadh nan dùthchannan.

No ma bheir mise claidheamh air an fhearann seo, agus gun abair mi, A chlaidheimh, imich tron fhearann; air chor is gun geàrr mi duine agus ainmhidh a‑mach as:

Thog mi suas mo làmh dhaibh fòs anns an fhàsach, gun sgapainn iad am measg nan cinneach, agus gun sgaoilinn iad air feadh nan dùthchannan;

A‑nis, a mhic an duine, tog suas tuireadh airson Thìruis;

Bàsaichidh trian dhìot leis a’ phlàigh, agus le gorta caithear iad ann ad mheadhon: agus tuitidh trian leis a’ chlaidheamh mun cuairt dhut; agus sgapaidh mise trian ris na h‑uile ghaothan, agus tàirngidh mi a‑mach claidheamh nan dèidh.

Trian loisgidh tu le teine ann am meadhon a’ bhaile, tràth bhios làithean an t‑sèisdidh air an coileanadh; agus gabhaidh tu trian, agus buailidh tu ma thimcheall le sgein; agus sgapaidh tu trian leis a’ ghaoith, agus tàirngidh mise a‑mach claidheamh nan dèidh.

Agus sgapaidh mi sibh am measg nan cinneach agus tàirngidh mi claidheamh nur dèidh; agus bidh ur fearann creachte, agus ur bailtean fàs.

Oir mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, an Tighearna, ag ràdh, Bidh caoidh anns na h‑uile shràidean; agus their iad anns na h‑uile rathaidean mòra, Mo thruaighe, mo thruaighe! Agus gairmidh iad an treabhaichean gu bròn, agus iadsan a tha eòlach air caoidh gu tuireadh.

Anns an là sin togar cosamhlachd nur n‑aghaidh, agus nìthear tuireadh le cumha bhrònaich, ag ràdh, Tha sinn gu tur air ar creachadh; dh’atharraich e cuibhreann mo shluaigh: cionnas a dh’atharraich e uam e? Roinn e ar machraichean, a shaoil sinn a bhiodh air an aiseag dhuinn fhèin.

Ach sgap mi iad le cuairt-ghaoith, am measg nan uile chinneach nach b’aithne dhaibh: agus bha am fearann fàs nan dèidh, air chor is nach do shiubhail neach air bith troimhe, air ais no air aghaidh: agus rinn iad an tìr thaitneach na fàsach.

Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn.

Bheir an Tighearna thu fhèin agus do rìgh a chuireas tu os do chionn gu cinneach nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, do fhiodh agus do chloich.

Agus sgapaidh an Tighearna thu am measg nan uile chinneach, on dara ceann den talamh eadhon gus an ceann eile den talamh; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean, eadhon do fhiodh agus do chloich.

Thubhairt mi, Sgapaidh mi iad gu cùiltean, bheir mi air an cuimhne sgur o mheasg dhaoine:

Agus sgapaidh an Tighearna sibh am measg nan cinneach, agus fàgar sibh tearc an àireamh am measg nan cinneach, far an toir an Tighearna sibh.

Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh-dheug a tha air an sgapadh o chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan