Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 9:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach gun do ghluais iad a rèir breithneachadh an cridhe fhèin, agus an dèidh nan dia a theagaisg an athraichean dhaibh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là.

Cha leig e leam m’anail a tharraing, ach lìonaidh e mi le seirbhe.

Gidheadh cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad gach aon a rèir crosdachd a dhroch chridhe fhèin: uime sin bheir mise orra uile bhriathran a’ choicheangail seo, a dh’àithn mi dhaibh a dhèanamh, ach nach do rinn iad.

An sluagh olc seo, a tha a’ diùltadh mo bhriathran-sa èisdeachd, a tha a’ siubhal a rèir cruas an cridhe fhèin, agus a’ dol an dèidh dhia coimheach, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu adhradh a thoirt dhaibh; bidh iad eadhon mar an crios seo, nach fiù airson nì sam bith.

Agus gun do rinn sibhse nas miosa na ur n‑athraichean; oir feuch, tha sibh ag imeachd, gach aon a rèir ais-innleachd a dhroch chridhe fhèin, gun ghèill a thoirt dhòmhsa.

Cionnas a dh’fhaodas tu ràdh, Chan eil mi salach, cha deachaidh mi an dèidh Bhàalim? Feuch do shlighe anns a’ ghleann; aithnich ciod a rinn thu. Tha thu mar dhromadaraidh luath ag imeachd na slighe;

Cha dubhairt na sagartan, Càit a bheil an Tighearna? Agus iadsan a laimhsich an reachd, cha b’aithne dhaibh mise: rinn na h‑aodhairean fòs ceannairc ann am aghaidh; agus rinn na fàidhean fàistneachd le Bàal, agus lean iad nithean nach toir buannachd.

Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh mu thimcheall nam fàidhean: Feuch, bheir mise dhaibh searbh-luibhean rin ithe agus uisge domblais ra òl; oir o fhàidhean Ierusaleim tha an‑diadhachd air dol a‑mach air feadh na tìre gu h‑iomlan.

Aig a bheil rùn a thoirt air mo shluagh-sa m’ainm a leigeil air dìochuimhn, len aislingean a tha iad ag innse, gach aon da choimhearsnach, amhail a rinn an athraichean m’ainm a leigeil air dìochuimhn airson Bhàail.

Anns an àm sin theirear ri Ierusalem rìgh-chathair an Tighearna; agus bidh tathaich nan uile chinneach da h‑ionnsaigh, air sgàth ainm an Tighearna a bhios ann an Ierusalem: agus cha ghluais iad nas mò a rèir cruas an droch chridhe fhèin.

Ach nì sinn gu deimhinn gach uile nì a thig a‑mach as ar beul fhèin, a losgadh tùise do bhànrighinn nèimh, agus a thaomadh a‑mach thabhartas-dibhe dhi; amhail a rinn sinn, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, ar rìghrean, agus ar n‑uaislean, ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim: oir an sin bha pailteas bìdh againn, agus shoirbhich leinn, agus chan fhaca sinn olc air bith.

Ach cha d’èisd iad, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad ann an comhairlean ais-innleachdach an droch chridhe fhèin, agus chaidh iad air an ais, agus chan ann air an aghaidh.

Carson a tha sinn a’ suidhe nar tàmh? Cruinnichibh sibh fhèin agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte; agus bitheamaid nar tosd an sin; oir chuir an Tighearna ar Dia nar tosd sinn, agus thug e dhuinn uisge domblais ra òl, a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna.

Lìon e mi le searbhadas, chuir e air mhisg mi le searbh-luibhean.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Iùdah, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do rinn iad dìmeas air reachd an Tighearna, agus nach do choimhead iad a àitheantan; agus thug an diathan brèige orra dol air seachran, iad sin a chaidh an athraichean air an dèidh.

Agus gun tàinig mi air m’aghaidh ann an creideamh nan Iùdhach thar mòran dem chomhaoisean am measg mo chinnich fhèin, air dhomh a bhith na bu ro‑eudmhoire mu ghnàthannan mo shinnsireachd.

Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh-beatha roimhe seo, ann an ana-miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch.

Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh-beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan