Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 8:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nàraicheadh na daoine glice, tha iad fo gheilt, tha iad an sàs; feuch, ri facal an Tighearna chuir iad cùl; agus ciod an gliocas a tha aca?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus rinn iad tàir air a reachdan, agus air a choicheangal a rinn e rin athraichean, agus air a theisteis leis an tug e fianais nan aghaidh; agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an dèidh nan cinneach a bha mun cuairt orra, mun tug an Tighearna sparradh dhaibh, nach dèanadh iad cosmhail riu.

A tha a’ toirt innleachdan nan cuilbheartach gu neoni, air chor is nach coilean an làmhan an gnìomh:

A tha a’ glacadh nan daoine glice nan cuilbheartachd fhèin, air chor is gun tilgear sìos comhairle nan daoine fiara.

Is iomlan lagh an Tighearna, ag iompachadh an anama; tha fianais an Tighearna cinnteach, a’ dèanamh a’ bhaoghalta glic.

Gu cinnteach is amadain ceannardan Shòain; thug comhairlichean glice Phàraoh comhairle mhì-chèillidh; cionnas a their sibh ri Phàraoh, Is mise mac nan daoine glice, mac nan rìghrean a bha ann o chian?

Air an adhbhar sin, feuch, thèid mise air m’aghaidh a dhèanamh iongantais am measg an t‑sluaigh seo, iongantas agus iongantas; ionnas gun tèid gliocas an daoine glice am mugha, agus tuigse an daoine tuigseach as an t‑sealladh.

Pheacaich do chiad athair, agus chiontaich do luchd-teagaisg am aghaidh:

Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.

Thrèig thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air d’ais; air an adhbhar sin, sìnidh mise mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth de ghabhail aithreachais.

Agus cuiridh mise gu neo-bhrìgh comhairle Iùdah agus Ierusaleim anns an àite seo; agus bheir mi orra tuiteam leis a’ chlaidheamh an làthair an naimhdean, agus le làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama: agus bheir mi an colainnean mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.

Cha dubhairt na sagartan, Càit a bheil an Tighearna? Agus iadsan a laimhsich an reachd, cha b’aithne dhaibh mise: rinn na h‑aodhairean fòs ceannairc ann am aghaidh; agus rinn na fàidhean fàistneachd le Bàal, agus lean iad nithean nach toir buannachd.

Mu thimcheall Edoim. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Nach eil gliocas nas mò ann an Teman? An do bhàsaich comhairle nan daoine glice? An deachaidh an gliocas am mugha?

An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha do ghabh iad nàire air aon chor; cha mhò a bha rudhadh air an gruaidh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc, tilgear sìos iad, deir an Tighearna.

Feuch, bheir mise dòrainn air an t‑sluagh seo, toradh an smuaintean fhèin; a chionn nach tug iad èisdeachd dom bhriathran; agus a‑thaobh mo reachd, chuir iad eadhon cùl ris.

Thig urchuid air urchuid, agus tuairisgeul air thuairisgeul; an sin iarraidh iad sealladh on fhàidh: ach eugaidh an lagh on t‑sagart, agus comhairle o na seanairean.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Iùdah, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do rinn iad dìmeas air reachd an Tighearna, agus nach do choimhead iad a àitheantan; agus thug an diathan brèige orra dol air seachran, iad sin a chaidh an athraichean air an dèidh.

Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi nàire air na fàidhean, gach aon de a shealladh nuair a nì e fàistneachd: cha mhò a chuireas iad umpa fallaingean molach gu mealladh.

Uime sin gleidhibh agus dèanaibh iad; oir is e seo ur gliocas agus ur tuigse ann an sealladh nan cinneach, a chluinneas na reachdan sin uile, agus a their, Gu cinnteach is sluagh glic agus tuigseach an cinneach mòr seo.

Agus o bha thu ad leanabh gum b’aithne dhut na sgriobtairean naomha, a tha comasach air do dhèanamh glic a‑chum slàinte, tre an chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan