Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 8:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Os bàrr, their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, An tuit iad agus nach èirich iad a‑rìs? An tèid e air falbh, agus nach till e air ais?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ge bè ùrnaigh, ge bè athchuinge a chuirear suas le duine sam bith, no led shluagh Israel uile, ma bhios fios aig gach aon air plàigh a chridhe fhèin, agus ma sgaoileas e a‑mach a làmhan a dh’ionnsaigh an taighe seo;

Oir seachd uairean tuitidh am fìrean, agus èiridh e a‑rìs; ach tuitidh na h‑aingidh ann an olc.

Dhubh mi as, mar neul, d’euceartan; agus mar cheò, do lochdan; till rium, oir shaor mise thu.

Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.

Mar sin ann am fàidhean Ierusaleim chunnaic mi uamharachd: tha iad a’ dèanamh adhaltranais, agus ag imeachd ann am breugan: tha iad a’ neartachadh mar an ceudna làmhan nan aingidh, air chor is nach eil aon neach a’ tilleadh o a aingidheachd: tha iad, an t‑iomlan dhiubh, dhòmhsa mar Shòdom, agus a luchd-àiteachaidh mar Ghomorrah.

Their iad, Ma chuireas duine air falbh a bhean, agus gun imich i uaithe, agus gun gabh i le fear eile, an till e da h‑ionnsaigh a‑rìs? Nach bi am fearann sin gu ro‑mhòr air a thruailleadh? Ach rinn thusa strìopachas le mòran leannan; gidheadh till riumsa a‑rìs, deir an Tighearna.

Tillibh, o chlann chùl-sleamhnach; lèighsidh mise ur cùl-sleamhnachadh. Feuch, tha sinn a’ teachd ad ionnsaigh, oir is tu an Tighearna ar Dia.

Theagamh gun tabhair taigh Iùdah fa‑near an t‑olc sin uile a tha ann am aire-sa a dhèanamh orra; air chor is gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe, agus gum maith mise an aingidheachd agus am peacadh.

Ma thilleas tu a‑rìs, O Israeil, deir an Tighearna, am ionnsaigh-sa tillidh tu; agus ma chuireas tu air falbh do ghràinealachdan om làthair-sa, an sin cha gluaisear thu:

A bheil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh? tha an Tighearna Dia ag ràdh: nach ann a tha mo thlachd na thilleadh o a shlighe, agus gum biodh e beò?

Till, O Israeil, ris an Tighearna do Dhia, oir thuit thu led aingidheachd.

Thigibh agus tilleamaid ris an Tighearna: oir is esan a reub, agus is e a nì ar leigheas; is e a bhuail, agus ceanglaidh e suas sinn.

Agus tha uabhar Israeil a’ tabhairt fianais fa chomhair a shùl: gidheadh chan eil iad a’ tilleadh ris an Tighearna an Dia, no ga iarraidh airson seo uile.

Thuit, agus chan èirich nas mò, òigh Israeil: tha i sìnte a‑mach air a fearann fhèin; chan eil neach ann ga togail suas.

Na dèan gàirdeachas am aghaidh, O mo nàmhaid; ged thuit mi, èiridh mi; ged shuidheam ann an dorchadas, bidh an Tighearna na sholas dhomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan