Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 8:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh bàs nas roghnaiche na beatha leis an uile fhuidheall a mhaireas den teaghlach olc seo, a bhios nam fuidheall anns gach uile àite gus am fògair mise iad, deir Tighearna nan sluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.

Ach tionailidh mi fuidheall mo threud as gach uile dhùthaich gus an d’fhògair mi iad, agus bheir mi iad air an ais dam mainnirean fhèin, agus fàsaidh iad torrach agus lìonmhor.

Ach, Mar as beò an Tighearna, a thug a‑nìos agus a stiùir sliochd taigh Israeil as an tìr mu thuath, agus as na dùthchannan sin uile gus an d’fhuadaich mise iad: a‑chum gun gabhadh iad còmhnaidh nam fearann fhèin.

Agus bidh mise air m’fhaotainn leibh, deir an Tighearna, agus tillidh mi air a h‑ais ur bruid, agus cruinnichidh mi sibh o na h‑uile chinnich, agus o gach uile àite gus an d’fhògair mi sibh, deir an Tighearna; agus bheir mi sibh a‑rìs a‑chum an àite on do chuir mi air falbh sibh ann am braighdeanas.

Oir chuir e gun amharas fios thugainne a tha ann am Bàbilon, ag ràdh, Tha a’ bhruid seo buan, togaibh taighean, agus gabhaibh còmhnaidh, agus suidhichibh liosan, agus ithibh an toradh.

An sin thill na h‑uile Iùdhaich as a h‑uile àite gus an robh iad air am fògradh, agus thàinig iad gu tìr Iùdah, gu Gedaliah, do Mhispah, agus thionail iad fìon, agus meas samhraidh, gu ro‑phailt.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, chunnaic sibh an t‑uile olc a thug mise air Ierusalem agus air uile bhailtean Iùdah; oir feuch an‑diugh tha iad nam fàsach, agus chan eil neach gan àiteachadh.

Uime sin bha m’fhearg agus mo chorraich air a taomadh a‑mach, agus air a lasadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, agus tha iad nam fàsach, agus nan làraich sgaoilte, mar air an là‑an‑diugh.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dìoghlamaidh iad gu buileach mar fhìonain iarmad Israeil: till air a h‑ais do làmh, mar fhear-tionail nam fìondhearcan gus na cliabhan.

O Thighearna, buinidh fìreantachd dhutsa, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh: do mhuinntir Iùdah, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus do Israel uile, am fagas agus am fad as, feadh nan uile dhùthchannan gus an d’fhògair thusa iad airson am peacaidhean a pheacaich iad ann ad aghaidh-sa.

Agus sgapaidh mi sibh am measg nan cinneach agus tàirngidh mi claidheamh nur dèidh; agus bidh ur fearann creachte, agus ur bailtean fàs.

Cluinnibh am facal seo a labhair an Tighearna nur n‑aghaidh, O chlann Israeil, an aghaidh an uile theaghlaich a thug mi a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, ag ràdh,

Uime sin a‑nis, O Thighearna, buin, guidheam ort, m’anam uam; oir is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, an aghaidh an teaghlaich seo tha mise a’ dealbh uilc o nach buin sibh air falbh ur muineil, cha mhò a dh’imicheas sibh gu h‑uaibhreach: oir is aimsir olc seo.

Agus nuair a thig na nithean seo uile ort, am beannachadh agus am mallachadh, a chuir mise romhad, agus a chuimhnicheas tu orra am measg nan cinneach uile a‑chum an d’fhògair an Tighearna do Dhia thu,

Ma dh’fhògradh neach agad gus a’ chuid as iomallaiche de nèamh, as a sin cruinnichidh an Tighearna do Dhia thu, agus as a sin bheir e thu:

Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fheirg an Uain:

Agus anns na làithean sin iarraidh daoine am bàs, agus chan fhaigh iad e; agus bidh dèidh aca air bàsachadh, agus teichidh am bàs uapa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan