On uair a dh’èireas fear-an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh?
Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.
Feuch, guth glaodh nighean mo shluaigh, o thìr chèin: Nach eil an Tighearna ann an Sion? Nach eil a rìgh innte? Carson, matà, a bhrosnaich iad mise gu feirg len dealbhan snaidhte, agus len dìomhanais choimheach?