Ieremiah 8:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn. Faic an caibideil |
Agus chuir e as do shagartan an iodhal-adhraidh, a dh’òrdaich rìghrean Iùdah a losgadh tùis anns na h‑àitean àrda, ann am mòr-bhailtean Iùdah, agus anns na h‑àitean mu thimcheall Ierusaleim; iadsan mar an ceudna a loisg tùis do Bhàal, don ghrèin, agus don ghealaich, agus do na reultan seachranach, agus do uile armailt nèimh.
Agus thug e mi don chùirt as fhaide a‑staigh de thaigh an Tighearna, agus, feuch, aig doras teampall an Tighearna, eadar an sgàth-thaigh agus an altair, tuaiream còig fir ar fhichead, len cùlaibh ri teampall an Tighearna, agus an aghaidh ris an àird an ear, agus iad ag adhradh don ghrèin ris an àird an ear.