Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 8:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chan eil leigheas air mo bhròn: tha mo chridhe fo leòn an taobh a‑staigh dhìom.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Eisd rium gu grad, a Thighearna; chaidh as dom spiorad; na falaich do ghnùis orm, air eagal gum bi mi cosmhail riùsan a thèid sìos don t‑sloc.

Air an adhbhar sin thubhairt mi, Tionndaidh air falbh uam: guilidh mi gu goirt; na feuchaibh ri comhfhurtachd a thoirt dhomh, airson lèir-chreach nighean mo shluaigh.

A‑thaobh nam fàidhean. Tha mo chridhe briste an taobh a‑staigh dhìom; tha mo chnàmhan gu lèir air ghluasad; is cosmhail mi ri fear air mhisg; is ionann mi is duine air an d’fhuair fìon làmh-an‑uachdair, airson an Tighearna, agus airson briathran a naomhachd.

Mo chom, mo chom! Tha mi air mo chràdh ann am ballachan mo chridhe; an taobh a‑staigh dhìom tha mo chridhe ri fuaim; chan urrainn mi fantainn am thosd; a chionn gun cuala tu, O m’anam, guth na trompaid, gaoir a’ chatha.

Chuala sinn iomradh air seo: dh’fhàs ar làmhan lag: tha goimh air dèanamh greim oirnn; pian, amhail mnà ri saothair chloinne.

Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!

Airson seo tha ar cridhe lag; airson nan nithean seo tha ar sùilean air an dorchachadh.

Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan