Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 8:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O Dhan chualas srannail a chuid each: ro thorman sitrich each meamnach chriothnaich am fearann uile: oir thàinig iad, agus shluig iad am fearann, agus gach nì a tha na chathair agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

An dèan thu gealtach e mar an leumnach-uaine? Is uamhasach glòir a chuinneinean.

Is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an domhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann.

Dòirt a‑mach do dhian-chorraich air na cinnich nach do ghabh eòlas ort, agus air na teaghlaichean nach eil a’ gairm air d’ainm; oir dh’ith iad suas Iàcob, ga ithe agus ga chaitheamh, agus rinn iad a àite-còmhnaidh fàsail.

Ach dh’ith an nì nàireach sin suas saothair ar n‑athraichean o ar n‑òige; an caoraich, agus am buar, am mic, agus an nigheanan.

Uime sin bidh iadsan uile a tha gad shlugadh, air an slugadh, agus thèid do naimhdean uile, gach aon dhiubh ann am braighdeanas: bidh iadsan a tha gad chreachadh nan creich, agus na h‑uile a tha a’ dèanamh cobhartaich dhìot, bheir mise gu bhith nan cobhartach.

Oir mar seo deir an Tighearna, Guth criothnachaidh chuala sinn; eagal, agus chan e sìth.

Chunnaic mi na slèibhtean, agus, feuch, chriothnaich iad; agus bha na cnuic uile air an luasgadh gu mòr.

Thàinig an leòmhann a‑nìos o a dhoire, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh.

Ri fuaim tartar iongannan each meamnach, ri faram a charbad, ri stairirich a rothan, cha seall na h‑athraichean air an ais rin cloinn le laigse làmh;

Agus caithidh iad d’fhogharadh agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheanan; caithidh iad do chaoraich agus do chrodh; caithidh iad d’fhìonainean agus do chroinn-fhìge; nì iad bochd leis a’ chlaidheamh na bailtean daingnichte anns an robh thu a’ cur do dhòchais.

Am bogha agus an t‑sleagh glacaidh iad: tha iad fuileachdach, agus cha nochd iad tròcair: beucaidh an guth mar an fhairge, agus marcaichidh iad air eich ann an òrdagh mar dhaoine a‑chum a’ chatha, ann ad aghaidh-sa, O nighean Bhàbiloin.

Agus bidh crith air an fhearann, agus doilgheas; oir seasaidh comhairle an Tighearna an aghaidh Bhàbiloin gu daingeann, a dhèanamh tìr Bhàbiloin na fàsach, gun neach ga h‑àiteachadh.

Glacaidh iad am bogha agus an t‑sleagh: tha iad an‑iochdmhor, agus cha ghabh iad truas; beucaidh an guth mar an fhairge agus marcaichidh iad air eich, air an tarraing an òrdagh mar dhaoine gu cogadh ann ad aghaidh-sa, O nighean Shioin.

Fuaim slait-sgiùrsaidh, agus torman faram nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnach.

Chunnaic na slèibhtean thu agus chriothnaich iad: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t‑aigeann a‑mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan.

Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn.

Ach ma their duine sam bith ribh, Dh’ìobradh an nì seo do iodhalan, na ithibh, air a sgàth-san a nochd dhuibh e, agus air sgàth cogais. Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn.

Agus thug iad Dan mar ainm air a’ bhaile, a rèir ainm Dhain, an athair, a rugadh do Israel: gidheadh b’e Lais ainm a’ bhaile an toiseach.

An sin chaidh clann Israeil uile a‑mach, agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile mar aon duine, o Dhan gu Beersèba, agus o thìr Ghilead, a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh.

An sin bhruthadh iongannan nan each le leumnaich, leumnaich an aona cumhachdaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan