Agus an teachdaire a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch a‑nis, tha briathran nam fàidh le aon bheul a’ foillseachadh maith don rìgh: biodh d’fhacal-sa, guidheam ort, mar fhacal aoin dhiùbhsan, agus labhair an nì a tha math.
Uime sin chruinnich rìgh Israeil na fàidhean an ceann a chèile, mu thimcheall ceithir cheud fear, agus thubhairt e riu, An tèid mi an aghaidh Ramot-gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt iadsan, Falbh suas, oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.
An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Dhia! Feuch, tha na fàidhean ag ràdh riu, Chan fhaic sibh an claidheamh, cha mhò a thig gort oirbh, ach sìth chinnteach bheir mise dhuibh anns an àite seo.
Ag ràdh an còmhnaidh ris a’ mhuinntir a tha a’ dèanamh dìmeas air facal an Tighearna, Bidh sìth agaibh; agus am feadh a tha gach aon ag imeachd a rèir ana-miann a chridhe fhèin, tha iad ag ràdh, Cha tig olc air bith oirbh.
Chunnaic d’fhàidhean nithean dìomhain agus amaideach air do shon, agus cha do leig iad ris d’euceart, a‑chum do bhruid a thilleadh air a h‑ais: ach chunnaic iad air do shon fàistneachd neo-fhìrinneach, agus adhbhar fògraidh.
A chionn le breugan gun do rinn sibh cridhe an ionracain dubhach, agus nach do rinn mise dubhach e; agus gun do neartaich sibh làmhan an aingidh, a‑chum nach tilleadh e o a dhroch shlighe, le bhith a’ gealltainn beatha dha.
Ma nì duine sam bith, ag imeachd ann an spiorad brèige, agus ceilg, fàistneachd dhut airson fìona agus airson dibhe làidir, bidh eadhon esan na fhàidh don t‑sluagh seo.