Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 7:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ma leasaicheas sibh gu h‑iomlan ur slighean agus ur gnìomharan; ma bheir sibh gu ceart breitheanas eadar duine agus a choimhearsnach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ma bhios sibh toileach agus umhail, ithidh sibh toradh math an fhearainn:

Tabhair comhairle, cuir an gnìomh breitheanas; dèan do sgàil mar an oidhche ann an àird a’ mheadhon-là; falaich na dìobaraich; na brath am fògarrach.

O thaigh Dhaibhidh, mar seo deir Iehòbhah, Dèanaibh gu moch breitheanas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir-shàrachaidh, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.

An rìgh thu a chionn gu bheil thu gad dhùnadh fhèin ann an seudar? Nach d’ith agus nach d’òl d’athair, agus nach do rinn e cothrom agus ceartas? An sin shoirbhich leis.

Mar seo deir an Tighearna, Cuiribh an gnìomh breitheanas agus ceartas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir-shàrachaidh: agus na dèanaibh foill: na dèanaibh ainneart air a’ choigreach, air an dìlleachdan, air a’ bhantraich, cha mhò a dhòirteas sibh fuil neo-chiontach anns an àite seo.

Uime sin a‑nis leasaichibh ur slighe agus ur dèanadas, agus thugaibh gèill do ghuth an Tighearna ur Dia; agus gabhaidh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nur n‑aghaidh.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan, agus bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo.

A thog a làmh o na bochdan, nach do ghabh ocar no riadh, a rinn mo bhreitheanais, a ghluais ann am reachdan, chan fhaigh esan bàs airson aingidheachd a athar; mairidh e gu cinnteach beò.

Ach ma bhios duine ionraic, agus gun dèan e an nì a bhios dligheach agus ceart;

Esan nach tug seachad air ocar, cha mhò a ghabh riadh, a chùm air a h‑ais a làmh o euceart, a rinn breitheanas fìor eadar duine agus duine;

Agus cha dèan sibh eucoir air a chèile: ach bidh eagal do Dhè ort; oir is mise an Tighearna ur Dia.

Nach iad seo na briathran a dh’èigh an Tighearna leis na ciad fhàidhean, nuair a bha Ierusalem air a h‑àiteachadh, agus a’ soirbheachadh, agus a bailtean mun cuairt dhi; agus an taobh deas agus an còmhnard air an àiteachadh?

Agus fhuair iad am measg luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead ceithir cheud maighdeann òg, aig nach robh aithne air fear le laighe le fireannach sam bith: agus thug iad don champ iad gu Siloh, a tha ann an tìr Chanàain.

Agus chan Deborah, agus Barac mac Abinoaim, air an là sin, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan