Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na earbaibh à briathran breugach, ag ràdh, Is teampall an Tighearna, teampall an Tighearna, teampall an Tighearna iad seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

An sin gearraidh mise Israel as bhàrr aghaidh an fhearainn a thug mi dhaibh: agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm fhèin, tilgidh mi as mo shealladh, agus bidh Israel na ghnàth-fhacal agus na leth-fhacal am measg nan uile shluagh:

Oir tha iad gan ainmeachadh fhèin air a’ chathair naoimh, agus a’ leigeil an taice ri Dia Israeil; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.

Chan eil neach a’ gairm air ceartas, chan eil neach a’ tagradh airson na fìrinn; tha iad a’ cur an dòigh ann an dìomhanas, agus a’ labhairt bhreug: air thorrachas le aimhleas, agus a’ breith euceirt.

Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?

An sin thubhairt am fàidh Ieremiah ris an fhàidh Hananiah, Eisd a‑nis, a Hananiah; cha do chuir an Tighearna fios leatsa, ach tha thu a’ toirt air an t‑sluagh seo earbsa a dhèanamh à brèig.

Do bhrìgh gun do chuir iad an gnìomh aingidheachd ann an Israel, agus gun do rinn iad adhaltranas le mnathan an coimhearsnach, agus gun do labhair iad briathran breugach ann am ainm-sa, nach d’àithn mise dhaibh, air a bheil eadhon mise fiosrach agus am fhianais, deir an Tighearna.

Cuir fios gu muinntir na bruid air fad, ag ràdh, Mar seo labhair an Tighearna a‑thaobh Shemaiah an Nehelamach, A chionn gun do rinn Semaiah fàistneachd dhuibh nuair nach do chuir mise a‑mach e, agus gun tug e oirbh earbsa a dhèanamh à brèig:

Leighis iad mar an ceudna lot nighean mo shluaigh-sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann.

Uime sin, nì mi ris an taigh seo a dh’ainmicheadh orm, as a bheil sibhse a’ dèanamh buin, agus ris an ionad a thug mi dhuibhse, agus do ur n‑athraichean, amhail a rinn mi ri Siloh.

Agus an truaill sibh mise am measg mo shluaigh airson glacaidean eòrna, agus airson mìrean arain, a mharbhadh nan anaman nach bu chòir bàsachadh, agus a choimhead beò nan anaman nach bu chòir a bhith beò, le ur breugan dom shluagh-sa a tha ag èisdeachd ur breug?

Tha an ceannardan a’ toirt breith airson duaise, agus an sagartan a’ teagasg airson tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàistneachd airson airgid; gidheadh leigidh iad an taice ris an Tighearna, ag ràdh, Nach eil an Tighearna nar meadhon? Cha tig aon olc oirnn.

Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh-sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh-sa.

Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan