Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 7:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan, agus bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Gidheadh thug an Tighearna fianais an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, leis na fàidhean uile, agus leis an luchd-seallaidh uile, ag ràdh, Tillibh o ur droch shlighean, agus gleidhibh m’àitheantan agus mo reachdan, a rèir an lagha uile a dh’àithn mi dur n‑athraichean, agus a chuir mi dur n‑ionnsaigh lem sheirbhisich na fàidhean.

A‑nis, matà, dèanaibh aidmheil don Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus coileanaibh a thoil; agus dealaichibh sibh fhèin o shluagh na tìre, agus o na mnathan coimheach.

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.

An sin thèid a‑steach air geatachan a’ bhaile seo rìghrean agus prionnsachan, nan suidhe air rìgh-chathair Dhaibhidh, a’ marcachd air carbadan agus air eich, iad fhèin agus an ceannardan, fir Iùdah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus daingnichear gu bràth a’ chathair seo.

A‑nis, uime sin, imich agus labhair ri fir Iùdah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cumadh uilc nur n‑aghaidh, agus a’ dealbh innleachd nur n‑aghaidh: tillibh a‑nis gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan.

Ma thilleas an cinneach sin, an aghaidh an do labhair mi, on olc, gabhaidh mise aithreachas den olc a bha ann am aire a thoirt orra.

Uime sin a‑nis leasaichibh ur slighe agus ur dèanadas, agus thugaibh gèill do ghuth an Tighearna ur Dia; agus gabhaidh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nur n‑aghaidh.

Chuir mi dur n‑ionnsaigh mar an ceudna m’uile sheirbhisich na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a mach, ag ràdh, Tillibh a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur dèanadas, agus na rachaibh air lorg dhiathan eile gu seirbhis a thoirt dhaibh agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dhuibh, agus dur n‑athraichean: ach cha d’aom sibh ur cluas, cha mhò a thug sibh èisdeachd dhomh.

A chionn gun do choilean mic Ionadaib, mac Rechaib, àithne an athar, a dh’àithn e dhaibh, ach nach d’èisd an sluagh seo riumsa;

Ma thilleas tu a‑rìs, O Israeil, deir an Tighearna, am ionnsaigh-sa tillidh tu; agus ma chuireas tu air falbh do ghràinealachdan om làthair-sa, an sin cha gluaisear thu:

Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.

Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan