Gus an d’atharraich an Tighearna Israel as a shealladh, mar a thubhairt e le a sheirbhisich uile, na fàidhean. Agus thugadh Israel air falbh as an tìr fhèin do Asiria, gus an là‑an‑diugh.
Oir tro chorraich an Tighearna bha e mar sin ann an Ierusalem agus ann an Iùdah, gus an do thilg e as a làthair iad: agus rinn Sedeciah ceannairc an aghaidh rìgh Bhàbiloin.
Agus chruinnich e Iùdah uile agus Beniàmin, agus na coigrich maille riu à Ephraim, agus à Manaseh, agus à Simeon: oir thàinig iad thairis da ionnsaigh à Israel ann am pailteas, nuair a chunnaic iad gu robh an Tighearna a Dhia maille ris.
An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.
Agus nuair a dh’fheòraicheas an sluagh seo, no fàidh, no sagart, dhìot, ag ràdh, Ciod e facal cudthromach an Tighearna? An sin their thusa riu, Is sibhse an cudthrom, agus tilgidh mise dhìom sibh, deir an Tighearna.
Uime sin, feuch, togaidh mise sibhse mar chudthrom, agus tilgidh mise air falbh, araon sibh fhèin agus a’ chathair seo, a thug mi dhuibhse, agus dur n‑athraichean, a‑mach as mo làthair:
Agus chunnaic mise nuair, airson gach uile adhaltranais anns an robh Israel chùl-sleamhnach ciontach, a chuir mi air falbh i, agus a thug mi litir-dhealachaidh dhi, gidheadh nach do ghabh a piuthar fhealltach Iùdah eagal, ach gun d’imich i, agus gun do rinn i fhèin strìopachas mar an ceudna.
Oir tro fheirg an Tighearna thàrladh ann an Ierusalem agus ann an Iùdah, gus an do thilg e iad a‑mach as a fhianais, gun do rinn Sedeciah ar‑a‑mach an aghaidh rìgh Bhàbiloin.
Gun amharas chualas guth caoidh à Sion, Cionnas a tha sinn air ar creachadh! Tha sinn air ar maslachadh gu ro‑mhòr! A chionn gun do thrèig sinn am fearann, a chionn gun do thilg iad sìos ar n‑ionadan-còmhnaidh.
Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha sibh ag ithe maille ris an fhuil, agus a’ togail ur sùl suas ri ur n‑iodhalan, agus a’ dòrtadh fala; agus an sealbhaich sibh am fearann?
Agus thubhairt an Tighearna ris, Goir Iesreel mar ainm air; oir fòs tamall beag, agus dìolaidh mise fuil Iesreeil air taigh Iehu, agus cuiridh mi casg air rìoghachd taigh Israeil.
Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit.
Bidh Samaria na fàsach, oir rinn i ceannairc an aghaidh a Dè: tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, brisear an naoidheanan nam bloighdean; agus reubar suas am mnathan torrach.
Mo thruaighe iad, oir theich iad uamsa! Lèirsgrios dhaibh, oir chiontaich iad am aghaidh-sa! Ged shaor mi iad, gidheadh labhair iad breugan am aghaidh.
De chloinn Iòseiph, eadhon de chloinn Ephraim, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;