Uime sin, nì mi ris an taigh seo a dh’ainmicheadh orm, as a bheil sibhse a’ dèanamh buin, agus ris an ionad a thug mi dhuibhse, agus do ur n‑athraichean, amhail a rinn mi ri Siloh.
Agus an taigh seo a bha cho àrd, bidh iongantas air gach neach a thèid seachad air, agus their e, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?
Tha ar taigh naomh agus àlainn, anns an tug ar n‑athraichean moladh dhut, air a losgadh le teine; agus tha ar n‑uile nithean tlachdmhor air an lèirsgrios.
Uime sin, feuch, togaidh mise sibhse mar chudthrom, agus tilgidh mise air falbh, araon sibh fhèin agus a’ chathair seo, a thug mi dhuibhse, agus dur n‑athraichean, a‑mach as mo làthair:
Rinn Micah am Morastach fàistneachd ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus labhair e ri uile shluagh Iùdah, ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion mar mhachair air a treabhadh, agus bidh Ierusalem na cùirn, agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.
An tig sibh an sin, agus an seas sibh ann am làthair-sa, anns an taigh seo a tha air a ghairm air m’ainm, agus an abair sibh, Tha sinn air ar toirt thairis a‑chum nan gràineileachdan seo uile a chur an gnìomh?
Ach rachaibh a‑nis dom àite-sa a tha ann an Siloh, far an do chuir mi m’ainm an toiseach, agus faicibh cionnas a bhuin mi ris, airson aingidheachd mo shluaigh Israel.
Chuir an Tighearna air cùl a altair, ghabh e gràin da naomh-ionad: thug e suas ballachan a h‑àrois do làimh an eascaraid; rinn iad gàir ann an taigh an Tighearna, mar ann an là àrd-fhèille.
Labhair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, truaillidh mise m’ionad naomh, òirdheirceas ur treise, miann ur sùl, agus an nì as caomh le ur n‑anam: agus ur mic agus ur nigheanan a dh’fhàgadh, tuitidh leis a’ chlaidheamh.
Ach a dh’ionnsaigh an àit a roghnaicheas an Tighearna ur Dia as ur treubhan uile, a‑chum a ainm a chur an sin, eadhon a dh’ionnsaigh a àite-còmhnaidh-san iarraidh sibh, agus gu sin thig thu.
Agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan uile, gus am brisear sìos do bhallachan àrda agus daingnichte, anns an robh do dhòigh, air feadh d’fhearainn uile; agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan, air feadh d’fhearainn uile a thug an Tighearna do Dhia dhut.