Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dìoghlamaidh iad gu buileach mar fhìonain iarmad Israeil: till air a h‑ais do làmh, mar fhear-tionail nam fìondhearcan gus na cliabhan.
Feuch, cuiridh mi fios air mòran iasgairean, deir an Tighearna, agus nì iad an iasgach; agus na dhèidh sin, cuiridh mi fios air mòran shealgairean, agus nì iad an sealg, o gach uile shliabh, agus o gach uile chnoc, agus o sgoltan nan creag.
Ma thig luchd-tionail fhìondhearc ad ionnsaigh, chan fhàg iad uiread is dìoghlam: ma thig gadaichean anns an oidhche, creachaidh iad gus am bi aca nas leòr.
Agus bidh bàs nas roghnaiche na beatha leis an uile fhuidheall a mhaireas den teaghlach olc seo, a bhios nam fuidheall anns gach uile àite gus am fògair mise iad, deir Tighearna nan sluagh.
Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh cumhachd os cionn teine, agus ghlaodh e le glaodh àrd ris an Tì aig an robh an corran geur, ag ràdh, Sàth a‑steach do chorran geur, agus cnuasaich bagaidean fìonain na talmhainn: oir tha a fìondhearcan làn-abaich.