Agus chuir an Tighearna na aghaidh buidhnean de na Caldèanaich, agus buidhnean de na Sirianaich, agus buidhnean de na Mòabaich, agus buidhnean de chloinn Amoin, agus chuir e iad an aghaidh Iùdah ga sgrios, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le a sheirbhisich, na fàidhean.
Tha do bhuachaillean ri clò-chadal, O rìgh Asiria: tha d’uaislean nan tàmh: tha do shluagh air an sgapadh air na slèibhtean, agus chan eil aon neach ann gan cruinneachadh.
Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;