Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 6:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin cluinnibh, O fhineachan, is biodh fhios agaibh, O choitheanail; an nì sin a tha nam measg cluinn, O thalamh!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis, O luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus fheara Iùdah, thugaibh breith, guidheam oirbh, eadar mise agus m’fhìonlios.

Cluinnibh facal an Tighearna, O chinneachan, agus cuiribh an cèill e anns na h‑eileanan fad as, agus abraibh, Esan a sgap Israel, nì e a chruinneachadh agus a choimhead, mar a nì buachaille a threud.

An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, gu cinnteach mheall thu gu tur an sluagh seo agus Ierusalem, ag ràdh, Bidh sìth agaibh, nuair a tha an claidheamh a’ ruigheachd gu ruig an t‑anam.

Glaodhaibh-se ris na cinnich, Feuch! Cuiribh an cèill an aghaidh Ierusaleim gu bheil luchd-freiceadain a’ teachd o dhùthaich fad as, agus gun tog iad suas an guth an aghaidh bailtean Iùdah.

Chuir mi mar an ceudna luchd-faire os ur cionn, ag ràdh, Eisdibh ri fuam na trompaid. Ach thubhairt iadsan, Chan èisd sinn.

Feuch, bheir mise dòrainn air an t‑sluagh seo, toradh an smuaintean fhèin; a chionn nach tug iad èisdeachd dom bhriathran; agus a‑thaobh mo reachd, chuir iad eadhon cùl ris.

O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan