Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 6:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheirear thairis an taighean do dhaoine eile, am fearann agus na mnathan mar an ceudna; oir sìnidh mise mo làmh a‑mach an aghaidh luchd-àiteachaidh na tìre, deir an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac-aodach, sìos air an aghaidh.

As m’eughmhais-sa aomaidh iad sìos fo na prìosanaich, agus tuitidh iad fo na mairbh. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Air an adhbhar sin tha corraich an Tighearna air lasadh an aghaidh a shluaigh; agus shìn e a‑mach a làmh nan aghaidh, agus bhuail e iad; agus chriothnaich na slèibhtean, agus bha an colainnean mar aolach air meadhon nan sràidean. Airson seo uile, chan eil a chorraich air tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Na Sirianaich on taobh bheòil, agus na Philistich on taobh chùil; agus ithidh iad suas Israel le beul farsaing. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Air an adhbhar sin cha dèan an Tighearna gàirdeachas os cionn an òganach, cha mhò a nì e iochd rin dìlleachdain agus am bantraichean; oir tha gach aon dhiubh na chealgair agus na fhear dòbheairt, agus tha gach beul a’ labhairt amaideachd. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Ithidh Manaseh Ephraim, agus Ephraim Manaseh; agus bidh iad le chèile an aghaidh Iùdah. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Thrèig thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air d’ais; air an adhbhar sin, sìnidh mise mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth de ghabhail aithreachais.

Agus nì mise fhèin cogadh nur n‑aghaidh le làimh sìnte a‑mach, agus le gàirdean treun, eadhon ann am feirg, agus ann am boile, agus ann an corraich mhòir.

Eadhon, feuch, na h‑uile mhnathan a tha air am fàgail ann an taigh rìgh Iùdah, bheirear a‑mach gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, agus their iad, Bhrosnaich do chàirdean thu, agus thug iad buaidh ort: chuir iad do chasan an sàs anns an làthaich, agus thill iad air an ais.

Agus bheir iad a‑mach d’uile mhnathan, agus do chlann, a‑chum nan Caldèanach; agus cha tèid thu fhèin as on làmhan, ach glacar thu le làimh rìgh Bhàbiloin, agus bidh tu coireach airson am baile seo a bhith air a losgadh le teine.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, dòirtear m’fhearg-sa agus mo dhian-chorraich a‑mach air an àite seo, air duine agus air ainmhidh, agus air craobhan na machrach, agus air toradh an fhearainn; agus loisgidh i, agus cha ghabh i mùchadh.

Uime sin am mnathan bheir mise do dhaoine eile; am fearann dhaibhsan a thèid an seilbh ann; oir tha iad uile, on neach as mò gus an neach as lugha, air an toirt suas dan ana-miannan; on fhàidh eadhon gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.

Tha an Tighearna fo rùn ballachan nighean Shioin a mhilleadh; shìn e a‑mach sreang, cha do chùm e a làmh o mhilleadh; ach thug e air an daingneach agus air a’ bhalla caoidh; shearg iad as le chèile.

Gu cinnteach am aghaidh-sa thill e; tha e a’ tilleadh a làimhe air a h‑ais ann am aghaidh air feadh an là gu h‑iomlan.

Dh’èignich iad na mnathan ann an Sion, na maighdeannan ann an cathraichean Iùdah.

Thugadh thairis ar n‑oighreachd do choimhich, ar taighean do choigrich.

Tha sinn nar dìlleachdain, agus gun athair, ar màthraichean mar bhantraichean.

Agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, O shlèibh Sheir, tha mise ad aghaidh, agus sìnidh mi mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus nì mi sgrios agus lèirsgrios ort.

Uime sin, bheir mise a’ chuid as miosa de na cinnich, agus sealbhaichidh iad an taighean: cuiridh mi fòs cosgadh air uabhar nan neartmhor, agus truaillear an ionadan naomha.

Anns an là sin togar cosamhlachd nur n‑aghaidh, agus nìthear tuireadh le cumha bhrònaich, ag ràdh, Tha sinn gu tur air ar creachadh; dh’atharraich e cuibhreann mo shluaigh: cionnas a dh’atharraich e uam e? Roinn e ar machraichean, a shaoil sinn a bhiodh air an aiseag dhuinn fhèin.

Air an adhbhar sin bidh am maoin na chobhartach, agus an taighean nam fàsach: agus togaidh iad taighean, ach chan àitich iad iad; agus suidhichidh iad fìonliosan, ach chan òl iad am fìon.

Sìnidh mi fòs a‑mach mo làmh air Iùdah, agus air uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus gearraidh mi as fuidheall Bhàail on àite seo; ainm an luchd-ìobraidh maille ris na sagartan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan