Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 52:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh anns an naoidheamh bliadhna de a linn, anns an deicheamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, gun tàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus uile fheachd, an aghaidh Ierusaleim, agus shuidhich iad camp na h‑aghaidh, agus thog iad daingnichean na h‑aghaidh, air gach taobh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Ann an naoidheamh bliadhna Shedeciah rìgh Iùdah, anns an deicheamh mìos, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus a uile fheachd an aghaidh Ierusaleim, agus champaich iad ma timcheall.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Trasg a’ cheathramh mìos, agus trasg a’ chòigeamh, agus trasg an t‑seachdamh, agus trasg an deicheamh, bidh do thaigh Iùdah nan aoibhneas agus nan gàirdeachas, agus nam fèillean subhach; a‑mhàin gràdhaichibh-se fìrinn agus sìochaint.

An sin bha a’ chathair air a briseadh sìos, agus theich na fir-chogaidh uile, agus chaidh iad a‑mach as a’ chathair feadh na h‑oidhche, air slighe a’ gheata, eadar an dà bhalla a bha aig lios an rìgh (nuair a bha na Caldèanaich aig a’ chathair timcheall mun cuairt), agus dh’imich iad air slighe a’ chòmhnaird.

Feuch na h‑innealan-brisidh, tha iad air teachd a‑chum na cathrach gus a glacadh, agus tha a’ chathair gus a toirt do làimh nan Caldèanach a tha a’ cogadh na h‑aghaidh, airson a’ chlaidheimh, agus na gorta, agus na plàighe; agus an nì a labhair thu, thàinig e gu crìch; agus, feuch, tha thusa ga fhaicinn.

Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas.

Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;

Aig a làimh dheis bha an fhàistneachd airson Ierusaleim, a dh’òrdachadh cheann-feadhna, a dh’fhosgladh a bheòil anns an àr, a thogail suas a’ ghutha le iolaich, a dh’òrdachadh reitheachan-cogaidh an aghaidh nan geatachan, a thilgeadh suas torra, a thogail daingnich.

Agus campaichidh mi ad aghaidh mun cuairt; agus teannaichidh mi thu le tòrr: agus togaidh mi daingnichean ad aghaidh.

Agus bheir mi claidheamh oirbh a dhìolas cùis-ghearain mo choicheangail; agus nuair a chruinnichear sibh an ceann a chèile an taobh a‑staigh de ur bailtean, cuiridh mi a’ phlàigh nur measg; agus bheirear thairis sibh do làimh naimhdean.

Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna (nuair a chog Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus a uile fheachd, agus uile rìoghachdan an domhain a bha fo a thighearnas, agus na slòigh uile, an aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh a h‑uile bhailtean), ag ràdh,

Marbhaidh e leis a’ chlaidheamh do nigheanan anns a’ mhachair; agus nì e daingneach ann ad aghaidh, agus tilgidh e suas tòrr ad aghaidh, agus togaidh e suas ad aghaidh an sgiath.

Agus thàrladh anns an aon-bhliadhna-deug de ar bruid, anns an deicheamh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, gun tàinig aon a theich à Ierusalem am ionnsaigh-sa, ag ràdh, Bhuaileadh am baile.

Anns a’ chòigeamh-bliadhna-fichead de ar bruid, ann an toiseach na bliadhna, air an deicheamh là den mhìos (b’i sin an ceathramh-bliadhna-deug an dèidh don bhaile a bhith air a bhualadh), air a’ cheart là sin bha làmh an Tighearna orm, agus thug e a‑chum an àite sin mi.

Mar luchd-coimhead faiche tha iad na h‑aghaidh mun cuairt dhi, a chionn gun do rinn i ar‑a‑mach ann am aghaidh-sa, deir an Tighearna.

Fiosraich, guidheamaid ort, den Tighearna air ar son-ne, oir tha Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin a’ cogadh nar n‑aghaidh; a dh’fheuchainn an dèan an Tighearna rinn a rèir a uile bheartan iongantach, a‑chum gun tèid e suas uainn.

Tilgidh mi e bun-os‑cionn, bun-os‑cionn, bun-os‑cionn, agus cha bhi e ann, gus an tig esan aig a bheil còir air, agus dhàsan bheir mi e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan