An sin thubhairt mise, Gu cinnteach is iad seo na daoine ìosal; tha iad gun chèill, a chionn nach aithne dhaibh slighe an Tighearna, breitheanas an Dè.
Nuair a sheargas a meangain, brisear iad; thig mnathan agus cuiridh iad ri theine iad; oir is sluagh gun tuigse iad; uime sin cha ghabh an tì a rinn iad truas dhiubh; agus cha nochd esan a dhealbh iad coibhneas dhaibh.
Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh.
Seadh, is aithne don chorra-bhàin anns an adhar a h‑àm fhèin, agus is aithne don chalaman agus don chorra-mhonaidh agus don ghòbhlan-ghaoithe àm an teachd: ach chan aithne dom shluagh-sa breitheanas an Tighearna.
Agus tha iad a’ lùbadh an teangaidh mar am bogha a‑chum ceilge; ach chan eil iad treubhach airson na fìrinn anns an talamh: oir tha iad a’ dol air an aghaidh o olc gu olc, agus chan eil eòlas aca ormsa, deir an Tighearna.
Tha mo shluagh-sa air an sgrios le dìth eòlais. A chionn gun do chuir thu cùl ri eòlas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor is nach bi thu agam ad shagart: a chionn gun do dhearmaid thu lagh do Dhè, dearmadaidh mise fòs do chlann-sa.
Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.