Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O Thighearna, nach eil do shùilean-sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

45 Iomraidhean Croise  

Agus air an là màireach thubhairt an tè a bu shine ris an tè a b’òige, Feuch, laigh mise a‑raoir maille rim athair: thugamaid air fìon òl a‑nochd mar an ceudna; agus theirig-sa a‑steach agus laigh maille ris, a‑chum is gun glèidh sinn sliochd o ar n‑athair.

An dèidh an nì seo, cha do thill Ierobòam o a dhroch shlighe, ach rinn e a‑rìs den chuid a b’ìsle den t‑sluagh sagartan do na h‑àitean àrda: ge bè leis am b’àill, choisrig e e, agus bha e na aon de shagartan nan àitean àrda.

Agus a‑rìs chuir e uaithe ceannard an treas lethcheud, maille ra lethcheud: agus chaidh an treas ceannard lethcheud suas, agus thàinig e, agus leig e e fhèin air a ghlùinean fa chomhair Eliah, agus dh’aslaich e air, agus thubhairt e ris, A dhuine le Dia, biodh, guidheam ort, m’anam-sa, agus anam an lethcheud òglach seo agad, luachmhor ad shùilean.

Oir tha sùilean an Tighearna ag amharc a‑null agus a‑nall air feadh na talmhainn uile, a‑chum e fhèin a nochdadh làidir as an leth-san, aig a bheil cridhe iomlan da thaobh. Rinn thu gu h‑amaideach an seo; air an adhbhar sin o seo a‑mach bidh cogadh ad aghaidh.

Agus an àm a theanntachd rinn e fhathast tuilleadh cionta an aghaidh an Tighearna, an rìgh seo fhèin Ahas.

Feuch, is ionmhainn leat an fhìrinn anns an taobh a‑staigh, agus anns an ionad fhalaichte bheir thu orm gliocas a thuigsinn.

Thoir orm guth subhachais agus aoibhneis a chluinntinn, agus nì na cnàmhan a bhris thu gàirdeachas.

Shìn e a‑mach a làmh nan aghaidh-san a bha an sìth ris; bhris e a choicheangal.

Cruadhaichidh an droch dhuine a aodann; ach nì esan a tha ionraic a shlighe dìreach.

Coimheadaidh sùilean an Tighearna eòlas; ach tilgidh e bun-os‑cionn briathran a’ chiontaich.

Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: cuin a dhùisgeas mi? An sin iarraidh mi fhathast e.

Ged phronn thu amadan ann an soitheach-pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair, cha dealaich a amaideachd ris.

A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad.

Air an adhbhar sin dhòirt e air teas a chorraich, agus neart a’ chatha; agus dh’fhadaich e teine mun cuairt dha, ach cha do thuig e; agus loisg e e, gidheadh cha tug e fa‑near.

A chionn gu robh fhios agam gu robh thu reasgach, agus gu robh do mhuineal mar fhèith iarainn, agus d’aodann na umha;

Ach chan eil an sluagh seo air tilleadh ris an tì a bhuail iad; cha mhò a dh’iarr iad Tighearna nan sluagh:

Uime sin dh’fhuadaich mi iad le inneal-fasgnaidh ann an geatachan na tìre: dh’fhàg mi gun chlann, sgrios mi mo shluagh; on slighean cha do thill iad.

Ach cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad, agus air chor is nach gabhadh iad teagasg.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, bheir mise air a’ chathair seo, agus air a h‑uile bhailtean, an t‑olc sin uile a labhair mi na h‑aghaidh; a chionn gun do rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad rim bhriathran.

Gu dìomhain bhuail mi ur clann: cha do ghabh iad cronachadh. Shluig ur claidheamh fhèin ur fàidhean, amhail leòmhann millteach.

Agus chumadh na frasan air an ais, agus an t‑uisge deireannach cha robh ann; gidheadh, agadsa bha aodann strìopaich, chuir thu cùl ri nàire.

Mòr ann an comhairle, agus cumhachdach ann an gnìomh (oir tha do shùilean fosgailte air uile shlighean clann nan daoine, a thoirt do gach aon a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a ghnìomharan);

Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Imich agus abair ri fir Iùdah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim, Nach gabh sibh ri teagasg, a thoirt èisdeachd dom bhriathran-sa? deir an Tighearna.

Chan eil iad air an irioslachadh gus an là‑an‑diugh, cha mhò a ghabh iad eagal, no a ghluais iad ann am lagh-sa, no ann am reachdan a chuir mi romhaibhse, agus ro ur n‑athraichean.

Gidheadh cha d’èisd iad rium, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach chruadhaich iad am muineal; rinn iad na bu mhiosa na an athraichean.

Uime sin their thu riu, Seo an cinneach nach eil a’ toirt gèill do ghuth an Tighearna, an Dia: cha mhò a ghabh iad ri cronachadh: dh’eug an fhìrinn, agus ghearradh a‑mach om beul i.

Carson, matà, a tha an sluagh seo a’ sleamhnachadh air an ais? Carson a tha Ierusalem ri cùl-sleamhnachadh bithbhuan? Tha iad a’ dèanamh greim daingeann air ceilg, tha iad a’ diùltadh tilleadh.

Oir is clann mhì-nàireach agus chruaidh-chridheach iad. Tha mise gad chur dan ionnsaigh; agus their thu riu, Mar seo deir an Tighearna Dia.

Ann ad shalchar tha neòghlaine, do bhrìgh gun do ghlan mi thu, agus nach robh thu glan; cha bhi thu air do ghlanadh od thruaillidheachd nas mò, gus an toir mise air mo chorraich gun gabh i tàmh ort.

Mar tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, tha an t‑olc seo uile air teachd oirnn; gidheadh cha do rinn sinn ar n‑ùrnaigh an làthair an Tighearna ar Dia, a‑chum gum bitheamaid air ar tilleadh o ar n‑euceartan, agus gun tuigeamaid d’fhìrinn.

Agus mura leasaichear leamsa sibh leis na nithean sin, ach gun tèid sibh am aghaidh;

Chuir mi nur measg a’ phlàigh, a rèir nòs na h‑Eiphit; mharbh mi ur n‑òganaich leis a’ chlaidheamh, agus thug mi air falbh ur n‑eich, agus thug mi air droch fhàile ur campa teachd a‑nìos gu ur pollairean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Sgrios mi cuid dhibh, mar a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus bha sibh mar aithinne air a spìonadh as an losgadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Agus thug mi fòs dhuibh glaine fhiacal nur n‑uile bhailtean, agus goinne arain nur n‑uile lùchairtean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Agus shiubhail dà no trì de bhailtean gu aon bhaile, a dh’òl uisge; ach cha robh iad air an sàsachadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Bhuail mi sibh le seargadh agus le crith-reodha; nuair a dh’fhàs ur gàrraidhean agus ur fìonliosan, ur croinn-fhìge, agus ur croinn-ola, dh’ith a’ phailm-chnuimh iad: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Thubhairt mi, Gu deimhinn bidh m’eagal ort, gabhaidh tu teagasg: mar sin cha bhiodh an àite-còmhnaidh air a ghearradh as, cionnas air bith a smachdaichinn iad: ach dh’èirich iad gu moch, agus thruaill iad an uile dhèanadas.

Ach tha fhios againne gu bheil breitheanas Dhè a rèir fìrinn, an aghaidh na muinntir a tha a’ dèanamh an leithidean sin.

Os bàrr, bha againn athraichean a‑thaobh na feòla, a smachdaich sinn, agus thug sinn urram dhaibh: nach mò gu mòr is còir dhuinn a bhith umhail do Athair nan spiorad, agus a bhith beò?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan