Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 5:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh anns na làithean sin, deir an Tighearna, cha toir mi crìoch iomlan oirbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Rachaibh-se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna.

Oir mar seo deir Iehòbhah, Bidh am fearann gu h‑iomlan air a fhàsachadh, ach cha dèan mi làn-chrìoch.

Agus thàrladh an tràth a rinn mise fàistneachd gun d’eug Pelatiah mac Bhenaiah: an sin thuit mi sìos air m’aghaidh, agus ghlaodh mi le guth àrd, agus thubhairt mi, Ah! Thighearna Dhia, an dèan thu làn-chrìoch air iarmad Israeil?

Agus thàrladh tràth bha iad gam marbhadh, agus a bha mise air m’fhàgail, gun do thuit mi air m’aghaidh, agus ghlaodh mi, ag ràdh, Ah! a Thighearna Dhè, an sgrios thu iarmad Israeil uile, ann an dòrtadh a‑mach do dhian-chorraich air Ierusalem?

Agus caithidh iad d’fhogharadh agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheanan; caithidh iad do chaoraich agus do chrodh; caithidh iad d’fhìonainean agus do chroinn-fhìge; nì iad bochd leis a’ chlaidheamh na bailtean daingnichte anns an robh thu a’ cur do dhòchais.

Agus tàrlaidh, nuair a their sibh, Cuime an do rinn an Tighearna ar Dia rinn na nithean seo uile? An sin freagraidh tusa iad, Amhail a thrèig sibhse mise, is a rinn sibh seirbhis do dhiathan coimheach nur tìr, mar sin nì sibh seirbhis do choigrich ann an dùthaich nach leibh fhèin.

Oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh: ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus cha leig mi as thu gu h‑iomlan o pheanas.

Gidheadh choigil mo shùil iad on sgrios, cha mhò a rinn mi crìoch a thoirt orra anns an fhàsach.

Nach eil thusa o shìorraidheachd, O Thighearna, mo Dhia-sa, m’aon naomh? Cha bhàsaich sinn. O Thighearna, dh’òrdaich thu iadsan airson breitheanais; agus, O Dhè chumhachdaich, dhaingnich thu iad airson smachdachaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan