Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 5:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha am balg-saighead mar uaigh fhosgailte; tha iad uile nan daoine treuna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Aig a bheil an saighdean geuraichte, agus am boghachan uile air ghleus; bidh iongannan an each air am meas mar ailbhinn, agus an rothan mar chuairt-ghaoith.

Oir chan eil ceart nam beul; is fìor aingidheachd an taobh a‑staigh dhiubh; is uaigh fhosgailte an sgòrnan; nì iad miodal len teangaidh.

Is uaigh fhosgailte an sgòrnan; labhair iad cealg len teangaidhean; tha nimh nan nathraichean nimhe fo am bilean:

Pronnaidh am boghachan na h‑òganaich, agus cha dèan iad iochd air toradh na bronn; cha ghabh an sùil truas de leanaban.

Thug e air saighdean a dhòrlaich dol a‑steach ann am àirnean.

Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha sluagh a’ teachd o fhearann na h‑àird a tuath, agus dùisgear cinneach mòr o chrìochan na talmhainn.

Glacaidh iad am bogha agus an t‑sleagh: tha iad an‑iochdmhor, agus cha ghabh iad truas; beucaidh an guth mar an fhairge agus marcaichidh iad air eich, air an tarraing an òrdagh mar dhaoine gu cogadh ann ad aghaidh-sa, O nighean Shioin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan