Ieremiah 5:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh air feadh sràidean Ierusaleim, agus faicibh a‑nis, agus biodh fhios agaibh, agus iarraibh na h‑ionadan farsaing, am faigh sibh aon duine, a bheil neach sam bith ann a tha a’ cur an gnìomh breitheanais, a tha ag iarraidh na fìrinn; agus bheir mise dhi maitheanas. Faic an caibideil |
Agus thàinig an seirbhiseach sin, agus dh’innis e na nithean sin da thighearna. An sin air gabhail feirge do fhear-an‑taighe, thubhairt e ra sheirbhiseach, Gabh a‑mach gu grad gu sràidean agus gu caol-shràidean a’ bhaile, agus thoir a‑steach an seo na bochdan, agus na daoine ciurramach, agus na bacaich, agus na doill.