Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 48:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Teichibh, tèarnaibh ur n‑anam, agus bithibh mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thug iad a‑mach iad, thubhairt e, Teich airson d’anama; na seall ad dhèidh, agus na stad anns a’ chòmhnard uile; teich don t‑sliabh, air eagal gum millear thu.

As an Tighearna earbaidh mi. Carson a their sibh rim anam, Teich as mar eun gud shliabh?

Oir bidh e mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte, nach mothaich am math nuair a thig e; ach a tha ag àiteachadh ionadan loisgte an fhàsaich, fearainn gun toradh agus gun chòmhnaidh.

Teichibh a‑mach à meadhon Bhàbiloin, agus sàbhaladh gach neach a anam, mun gearrar as sibh na h‑aingidheachd; oir is i seo aimsir dìoghaltas an Tighearna; ìocaidh e luigheachd dhi.

Uime sin thubhairt e ris an t‑sluagh a thàinig a‑mach a‑chum a bhith air am baisteadh leis, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd?

A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan