Agus bidh iad fo uamhas; nì piantan agus guinean greim orra; mar mhnaoi ri saothair cràidhear iad; seallaidh iad gach aon air a chèile le iongantas; mar lasraichean teine bidh an aodainn.
Uime sin lìonadh mo leasraidh le cràdh; ghlac piantan mi, mar phiantan mnà ri saothair-chloinne. Bha mi air mo chromadh sìos, nuair a chuala mi; dh’fhàs mi air chrith, nuair a chunnaic mi.
Feòraichibh a‑nis, agus feuchaibh am beir fireannach leanabh? Cuime am faic mi gach duine agus a làmhan air a leasraidh, mar mhnaoi ri saothair, agus tha gach uile aghaidh air fàs bàn?
Gu cinnteach chuala mi glaodh amhail mnà ri saothair, teanntachd amhail mnà ri breith a ciad leinibh, glaodh nighean Shioin; a’ caoidh, a’ sgaoileadh a bas, agus ag ràdh, Mo thruaighe mise a‑nis, oir tha m’anam air a chlaoidh le luchd-mortaidh!
Agus tàrlaidh anns an là sin, deir an Tighearna, gum bàsaich cridhe an rìgh, agus cridhe nan àrd-uaislean; agus bidh amhluadh air na sagartan, agus uamhas air na fàidhean.
Feuch, thig e a‑nìos mar iolair ag itealaich, agus sgaoilidh e a sgiathan thar Bhosrah; agus bidh cridheachan laochraidh Edoim anns an là sin mar chridhe mnà ri saothair.
Tha Damascas air fàs lag, tha e ga thionndadh fhèin gu teicheadh, agus fhuair eagal greim air; ghlac teanntachd e, agus ioghannan, mar mhnaoi ri saothair.
Claidheamh air a h‑eich, agus air a carbadan, agus air a h‑uile sluagh co‑mheasgte a tha na meadhon, agus bidh iad mar mhnathan: claidheamh aig a h‑ionmhasan, agus bidh iad air an spùinneadh;
Leig laoich Bhàbiloin dhiubh cogadh, dh’fhan iad ann an daingnichean; dh’fhàilnich an treise, dh’fhàs iad mar mhnathan; loisgeadh a h‑ionadan-còmhnaidh; bhriseadh a croinn-dhruididh.