Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 48:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha fuaim èighich o Horonaim, milleadh agus àr mòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Chaidh e suas gu Bait agus gu Dibon, na h‑ionadan àrda, a ghul. Nì Mòab caoineadh airson Nebo agus airson Mhedeba; air gach ceann dhiubh bidh maoile; bidh gach feusag air a gearradh dheth.

Tha mo chridhe ag èigheach airson Mhòaib; teichidh a luchd-fuadain do Shòar, mar agh trì bliadhna a dh’aois; dìridh iad uchdach Luhit le gul; oir ann an slighe Horonaim togaidh iad iolach mhillidh.

Oir chaidh an èigheach timcheall crìoch Mhòaib; ràinig a caoineadh gu Eglaim, agus a caoineadh gu Beer-elim.

Air an adhbhar sin thubhairt mi, Tionndaidh air falbh uam: guilidh mi gu goirt; na feuchaibh ri comhfhurtachd a thoirt dhomh, airson lèir-chreach nighean mo shluaigh.

Agus biodh an duine sin mar na bailtean a sgrios an Tighearna, agus mu nach do ghabh e aithreachas; cluinneadh e gaoir anns a’ mhadainn, agus iolach anns a’ mheadhon-là;

Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha uisgeachan a’ teachd a‑nìos on àird a tuath, agus fàsaidh iad nan tuil a thig thairis, agus a chòmhdaicheas am fearann, agus gach nì a tha ann; a’ chathair, agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh: agus èighidh na daoine gu h‑àrd, agus nì uile luchd-àiteachaidh na tìre tuireadh.

O ghaoir Hesboin gu Elealeh, gu Iahas chuir iad a‑mach an guth, o Shòar gu ruig Horonaim, mar thrì-bliadhnach aighe; oir bidh eadhon uisgeachan Nimrim nan lèirsgrios.

Tha Mòab air a mhilleadh, thug a chlann bheag air an gaoir a bhith air a cluinntinn.

Gu dearbh aig uchdaich Luhit, thèid gul suas gun fhois: gu dearbh aig leathad Horonaim chuala mo naimhdean èigh a’ mhillidh.

Fuaim èighich o Bhàbilon, agus lèirsgrios mòr o thìr nan Caldèanach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan