Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 48:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nas mò cha bhi uaill aig Mòab: ann an Hesbon dhealbh iad olc na aghaidh, ag ràdh, Thigibh, agus gearramaid as e o bhith na chinneach: millear thusa mar an ceudna, O Mhadmein, bidh an claidheamh air do thòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Trom-eallach Mhòaib. A chionn gu bheil Ar Mhòaib air a fàsachadh, anns an oidhche, agus air a lomadh gu làr; a chionn gu bheil Cir Mhòaib air a fàsachadh, agus air a lomadh gu làr:

Tha mo chridhe ag èigheach airson Mhòaib; teichidh a luchd-fuadain do Shòar, mar agh trì bliadhna a dh’aois; dìridh iad uchdach Luhit le gul; oir ann an slighe Horonaim togaidh iad iolach mhillidh.

Ach a‑nis labhair an Tighearna ag ràdh, An ceann trì bliadhna, mar bhliadhnachan fir-thuarasdail, nìthear glòir Mhòaib tàireil, le a mhòr-shluagh uile; agus bidh am fuidheall ro‑bheag agus anfhann.

Oir gabhaidh làmh an Tighearna fois air an t‑sliabh seo; agus bidh Mòab air a shaltairt fodha, mar a shaltairear connlach air an òtrach.

Oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh rium, Gabh cuach-fhìona na fraoich-feirge seo as mo làimh-sa, agus thoir ra h‑òl i do na h‑uile chinnich gus an cuir mise thu:

An sin ghlac mi a’ chuach à làimh an Tighearna, agus thug mi ra h‑òl i do na h‑uile chinnich gus an do chuir an Tighearna mi;

Mar a dh’imicheas na h‑òrdaighean seo as mo shealladh-sa, deir an Tighearna, an sin cuideachd sguiridh sliochd Israeil o bhith nan cinneach am feasd ann am làthair.

A bheil thu a’ toirt fa‑near ciod a tha an sluagh seo a’ labhairt, ag ràdh, An dà theaghlach a roghnaich an Tighearna, rinn e an tilgeadh uaithe? Agus rinn iad dìmeas air mo shluagh-sa, air chor is nach eil iad gam meas nas mò mar chinneach.

Na biodh eagal ort, O Iàcoib, m’òglach, deir an Tighearna, oir tha mise maille riut; ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus chan fhuiling mi dhut dol as gu h‑iomlan saor.

Guilibh air a shon, sibhse uile mun cuairt dha; agus sibhse uile don aithne a ainm, abraibh, Cionnas a bhriseadh slat-rìoghail na treasa, lorg na maise!

Agus sgriosar Mòab o bhith nas mò na chinneach, a chionn gun d’àrdaich e e fhèin an aghaidh an Tighearna.

Fo sgàil Hesboin sheas iadsan a theich on ainneart: ach thig teine a‑mach o Hesbon, agus lasair à meadhon Shihoin, agus loisgidh e ceàrnan Mhòaib, agus mullach-cinn nan daoine ceannairceach.

Dèan ulartaich, O Hesboin, oir chreachadh Ai: èighibh, a nigheanan Rabah, cuiribh umaibh aodach-saic: dèanaibh tuireadh agus ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh ri taobh nan callaidean; oir falbhaidh Milcom ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris.

Oir bheir mise air Elam a bhith fo gheilt ron naimhdean, agus ron mhuinntir a tha ag iarraidh an anama; agus bheir mi aimhleas orra, teas mo chorraich, deir an Tighearna; agus cuiridh mi nan dèidh an claidheamh gus an cuir mi as dhaibh.

Agus thog clann Reubein Hesbon, agus Elealeh, agus Ciriataim,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan