Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 47:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ri fuaim tartar iongannan each meamnach, ri faram a charbad, ri stairirich a rothan, cha seall na h‑athraichean air an ais rin cloinn le laigse làmh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Aig a bheil an saighdean geuraichte, agus am boghachan uile air ghleus; bidh iongannan an each air am meas mar ailbhinn, agus an rothan mar chuairt-ghaoith.

Rachaibh air ur n‑eich, agus bithibh air mhire-chatha; air na carbadan, agus rachadh na fir-chogaidh a‑mach: na h‑Etiopaich, agus na Libianaich a ghlacas an sgiath, agus na Lidianaich a ghlacas agus a chuireas air lagh am bogha.

Am bogha agus an t‑sleagh glacaidh iad: tha iad fuileachdach, agus cha nochd iad tròcair: beucaidh an guth mar an fhairge, agus marcaichidh iad air eich ann an òrdagh mar dhaoine a‑chum a’ chatha, ann ad aghaidh-sa, O nighean Bhàbiloin.

O Dhan chualas srannail a chuid each: ro thorman sitrich each meamnach chriothnaich am fearann uile: oir thàinig iad, agus shluig iad am fearann, agus gach nì a tha na chathair agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh.

Agus thig iad ann ad aghaidh le carbadan, le cobhanan, agus le rothan, agus le coitheanal sluaigh, a chuireas ann ad aghaidh targaid, agus sgiath, agus clogad, air gach aon taobh: agus cuiridh mise breitheanas fan comhair, agus bheir iad breith ort a rèir am breitheanais.

Bidh na carbadan air bhoile anns na sràidean, buailidh iad an aghaidh a chèile anns na h‑ionadan farsaing: bidh an dreach mar leòis, ruithidh iad mar dhealanaich.

Ach tha sruthan Ninebheh mar linne uisge; agus tha iadsan a’ teicheadh. Seasaibh, seasaibh; ach cha seall aon neach na dhèidh.

Agus bha aca uchd-èididhean, mar uchd-èididhean iarainn, agus bha fuaim an sgiathan mar fhuaim carbadan mòran each a’ ruith a‑chum catha.

An sin bhruthadh iongannan nan each le leumnaich, leumnaich an aona cumhachdaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan