Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 47:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha uisgeachan a’ teachd a‑nìos on àird a tuath, agus fàsaidh iad nan tuil a thig thairis, agus a chòmhdaicheas am fearann, agus gach nì a tha ann; a’ chathair, agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh: agus èighidh na daoine gu h‑àrd, agus nì uile luchd-àiteachaidh na tìre tuireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an domhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann.

Nam bithinn acrach, chan innsinn dhutsa, oir is leamsa an domhan agus a làn.

Biodh na nèamhan aoibhneach, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; beucadh an fhairge agus a làn.

Beucadh an fhairge agus a làn, an saoghal agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann.

Nuallaich, O gheata; èigh, O chathair; O Phalistìna, tha thu uile air do leaghadh as; oir on àird a tuath thig deatach, agus cha bhi neach aonaranach na thràthan suidhichte.

Oir chaidh an èigheach timcheall crìoch Mhòaib; ràinig a caoineadh gu Eglaim, agus a caoineadh gu Beer-elim.

Trom-eallach gleann an taisbeanaidh, Ciod a thàinig ort a‑nis, gun deachaidh tu gu lèir suas gu mullach nan taighean?

Agus tomhaisidh mise a‑mach breitheanas leis an riaghailt, agus ceartas leis an t‑sreing-thomhais; agus sguabaidh a’ chlach-mheallain air falbh an dìdein-bhrèige, agus còmhdaichidh na h‑uisgeachan an t‑àite-falaich.

Mar sin bheir iadsan on iar urram do ainm an Tighearna; agus iadsan o èirigh na grèine da ghlòir; nuair a thig an nàmhaid mar thuil, togaidh Spiorad an Tighearna suas bratach na aghaidh.

Agus thubhairt an Tighearna rium, On àird a tuath brisidh an t‑olc a‑mach air uile luchd-àiteachaidh na tìre.

Chuala na cinnich do mhasladh, agus lìon do ghaoir an talamh: oir thuislich iad, an laoch an aghaidh an laoich; thuit iad araon le chèile.

Am facal a labhair an Tighearna ri Ieremiah am fàidh, mu theachd Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, a bhualadh tìr na h‑Eiphit.

Is agh air a bheil aogas àlainn an Eiphit; tha milleadh on àird a tuath a’ teachd na h‑aghaidh.

Tha amhluadh air nighinn na h‑Eiphit; thugadh thairis i do làimh sluagh na h‑àird a tuath.

Cionnas a bhriseadh sìos e! (bhùir iad); cionnas a thionndaidh Mòab a chùlaibh! Nàraicheadh Mòab, agus bidh e na bhall-fanaid, agus na uamhann dhaibhsan uile mun cuairt dha.

Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha sluagh a’ teachd o fhearann na h‑àird a tuath, agus dùisgear cinneach mòr o chrìochan na talmhainn.

O Dhan chualas srannail a chuid each: ro thorman sitrich each meamnach chriothnaich am fearann uile: oir thàinig iad, agus shluig iad am fearann, agus gach nì a tha na chathair agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh.

Agus gàirdeanan na tuile bàthar as an làthair, agus brisear iad: seadh, fòs prionnsa a’ choicheangail.

Ach le tuil a’ ruith thairis bheir e crìoch iomlan air an dream a dh’èireas na aghaidh; agus ruaigidh dorchadas a naimhdean.

Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn.

Ach ma their duine sam bith ribh, Dh’ìobradh an nì seo do iodhalan, na ithibh, air a sgàth-san a nochd dhuibh e, agus air sgàth cogais. Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn.

Imichibh a‑nis, a dhaoine saoibhir, dèanaibh gul agus caoidh airson ur n‑àmhghair a tha a’ teachd oirbh.

Agus thàinig aon de na seachd aingil aig an robh na seachd soithichean, agus labhair e rium, ag ràdh rium, Thig an seo; nochdaidh mi dhut breitheanas na strìopaich mhòir, a tha na suidhe air mòran uisgeachan:

Agus thubhairt e rium, Na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far a bheil an strìopach na suidhe, is slòigh, agus coitheanail, agus cinnich, agus teangan iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan