Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 43:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah ann an Tahpanes, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Airson a bheil mise a’ fulang mar fhear droch-bheairt, eadhon gu gèimhlean; ach chan eil facal Dhè ceangailte.

Nì clann Noiph agus Tahpaneis mar an ceudna mullach do chinn a bhriseadh.

Càit an tèid mi od spiorad, agus càit an teich mi od ghnùis?

Gabh ann ad làimh clachan mòra, agus falaich iad anns a’ chriadh ann an àth nan clachan-creadha, a tha aig dol a‑steach taigh Phàraoh, ann an Tahpanes, ann an sealladh fir Iùdah.

Am facal a thàinig gu Ieremiah mu thimcheall nan uile Iùdhach a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit, a tha a chòmhnaidh aig Migdol, agus aig Tahpanes, agus aig Noph, agus ann an dùthaich Phatrois, ag ràdh,

Foillsichibh anns an Eiphit, agus cuiribh an cèill ann am Migdol; innsibh fòs ann an Noph, agus ann an Tahpanes abraibh: Seas daingeann, agus deasaich thu fhèin; oir shluig an claidheamh a’ mhuinntir a tha mun cuairt dhut.

Ann an Tahapanes fòs bidh an là dorcha, nuair bhriseas mise an sin cuing na h‑Eiphit: agus sguiridh mòrchuis a neirt innte: seadh, falaichidh neul i, agus thèid a nigheanan air falbh ann am braighdeanas.

Anns an deicheamh bliadhna, anns an deicheamh mìos, air an dara-là‑deug den mhìos, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,

Agus thàrladh, anns an aon-bhliadhna-deug, anns an treas mìos, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

Agus thàrladh, anns an dara-bliadhna-deug, anns an dara-mìos-deug, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan