Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 42:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh an ceann deich làithean gun tàinig guth an Tighearna gu Ieremiah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach, clach dhearbhte, clach-chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas, cha chuirear gu amhluadh e.

Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh-ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart-bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris-san.

Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, an dèidh do Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, a leigeadh as o Ramah, nuair a thugadh e da ionnsaigh, agus e ceangailte le slabhraidhean am measg na muinntir sin uile a thugadh air falbh nam braighdean o Ierusalem agus o Iùdah, a thugadh ann am braighdeanas gu Bàbilon.

An sin ghairm e Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha maille ris, agus an sluagh uile, on bheag gus a’ mhòr.

Agus thàrladh an ceann seachd làithean gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

Oir tha an fhàistneachd fhathast airson aimsir shònraichte, ach air a’ cheann mu dheireadh labhraidh i, agus cha dèan i breug: ged dhèan i moille, feith rithe; oir gu deimhinn thig i, cha bhi i air dheireadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan