Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 40:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mhionnaich Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain dhaibhsan, agus dan daoine, ag ràdh, Na biodh eagal oirbh gèill a thoirt do na Caldèanaich; gabhaibh còmhnaidh anns an tìr, agus thugaibh gèill do rìgh Bhàbiloin, agus èiridh gu math dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic e gum bu mhath an nì fois, agus gu robh am fearann taitneach; agus chrom e a ghualainn gu iomchar, agus rinneadh e na sheirbhiseach do chìs.

Agus mhionnaich Gedaliah dhaibh, agus dan daoine, agus thubhairt e riu, Na biodh eagal oirbh a bhith nur seirbhisich do na Caldèanaich: gabhaibh còmhnaidh anns an tìr, agus dèanaibh seirbhis do rìgh Bhàbiloin, agus èiridh gu math dhuibh.

Oir ithidh tu toradh do làmh; sona bidh tu, agus èiridh gu math dhut.

Earb thusa as an Tighearna, agus dèan math; mar sin gabhaidh tu còmhnaidh anns an tìr, agus beathaichear thu gu cinnteach.

Ach an cinneach sin a chuireas an amhach fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus a bheir dha ùmhlachd, leigidh mise dhaibh sin fuireach nam fearann fhèin, agus treabhaidh iad e, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann.

Cia uaigneach a tha i na suidhe, a’ chathair a bha làn de dhaoine! Cionnas a dh’fhàs i mar bhantraich! Ise a bha mòr am measg nan cinneach, agus na h‑uachdaran am measg nan dùthchannan, cionnas a tha i air teachd fo chìs!

Fhuair sinn ar n‑aran le cunnart ar n‑anama, do bhrìgh claidheamh an fhàsaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan